Seansalair ùr na Gearmailt

Friedrich MerzTùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,

Friedrich Merz a' bruidhinn is buil na bhòt air tighinn a-steach

  • Air fhoillseachadh

Tha muinntir na Gearmailt air bhòtadh agus chan fhada mus bi seannsalair ùr aca.

Tha a h-uile coltas ann gur Friedrich Merz bhon CDU, na Deamocrataich Crìosdail, a gheibh an dreuchd.

Cha d' fhuair am pàrtaidh aige na bha iad ag iarraidh, b' e sin còrr air 30% den bhòt fhaighinn, ach rinn iad na b' fheàrr na an turas mu dheireadh (24.1%) agus iad a-nis aig 28.5% (còmhla ris na peathraichean aca, an CSU).

Cha d' fhuair na Sòisealaich Dheamocratach, an SPD, ach 16.4% (sìos bho 25.7%), agus cuid gu math mì-thoilichte leis an obair a rinn an Seannsalair Olaf Scholz.

Dh'fhuiling na h-Uainich a bha sa cho-bhanntachd còmhla riutha call cuideachd is iad a' dol sìos bho 14.8% gu 11.6%.

Cha do rinn an treas pàrtaidh a bha sa cho-bhanntachd na Libearalaich Shaora, FDP, fiù 's an gnothach faighinn a-steach dhan phàrlamaid, am Bundestag, is iad a' faotainn nas lugha na 5%.

Bha sùilean mhòran air cho math agus a rinn an Alternative für Deutschland, AfD, pàrtaidh na fìor làimhe deise.

Fhuair iad 20.8% is iad air na bhòtaichean aca a dhùblachadh.

'S iad a-nis an dàrna pàrtaidh as motha sa Bhundestag agus anns na Länder, na dùthchanan no roinnean, a bha uair fo bhuaidh nan Comannach 's iad fiù 's am pàrtaidh as motha a fhuair bhòtaichean sna sgìrean sin.

Tha iomagain air a bhith ann mun AfD, an dà chuid sa Ghearmailt agus thall thairis, air sgàth eachdraidh nan Natsach.

Tino Chrupalla is Alice WeidelTùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,

Tino Chrupalla is Alice Weidel bhon AfD is am pàrtaidh air adhartas mòr a dhèanamh.

Thuirt Friedrich Merz gum bu chòir iomagain a bhith air pàrtaidhean sa mheadhan gun deach aig an AfD air an earrann aca den bhòt a dhùblachadh.

Aig an aon àm tha pàrtaidhean den aon sheòrsa san riaghaltas anns an Eadailt agus tha co-dhiù Elon Musk a th' ann an riaghaltas Dhòmhnaill Trump gu follaiseach air taic a shealltainn dhaibh cuideachd.

Chan eil a' Ghearmailt na h-aonar agus an seòrsa gluasaid seo a' fàs ann an iomadach dùthaich.

Bhruidhinn Mgr Merz a-mach gu grad an aghaidh nan "daoine craicte air an làimh chlì", ach feumaidh e a-nis co-obrachadh co-dhiù ri cuid aca.

Tha e ag ràdh gu bheil e ag iarraidh chòmhraidhean san aithghearrachd leis an SPD agus gu bheil airson riaghaltas a stèidheachadh ron Chàisg.

Tha a h-uile coltas ann gu bheil obair mhòr roimhe. Feumaidh e an eaconomaidh a chur gu dol a-rithist.

Tha a' Ghearmailt san àite mu dheireadh de na dùthchanan tionnsgalach agus iad ann an crìonadh bho chionn còrr is dà bhliadhna, nas fhaide na bha iad riamh, agus tha am bun-structar ann an droch staid.

Aig an aon àm bidh cuideam air rudeigin a dhèanamh gus stad a chur air ionnsaighean leithid na thachair ann am Munich, Magdeburg agus Solingen.

Feumaidh e cuideachd obrachadh le dùthchanan Eòrpach eile agus ro-innleachd a chruthachadh gus dìon a chur air an sgìre ann an suidheachadh far a bheil, a rèir choltais, an Rùis agus na Stàitean Aonaichte air a dhol nan caraidean.