Campa luchd-obrach fon phrosbaig aig coinneamhan poblach

PlanaicheanTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd
  • Air fhoillseachadh

Thèid planaichean airson campa do luchd-obrach ann an Aiseag ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich a dheasbad aig coinneamhan poblach oidhche Luain is tron là Dimàirt.

'S e a' chompanaidh Balfour Beatty a tha air cùl nam planaichean seo is an campa gu bhith ann do luchd-obrach a bhiodh ag obair air an loidhne dealain ùr a tha SSEN an dùil a thogail eadar an t-Eilean Sgitheanach is Cille Chuimein.

'S e seo an dàrna campa a tha san amharc san sgìre is feadhainn mar-thà air draghan a thogail mun bhuaidh air an àite ma thèid iad air adhart.

Bhiodh mu 450 duine a' fuireach sa champa ann an Aiseag.

Chaidh iomagain a nochdadh ron seo mu champa eile a tha a' chompanaidh Sodexo airson togail san Àth Leathann do luchd-obrach eile a bhiodh ag obair air loidhne SSEN.

Bhiodh àite ann do mu 350 neach anns a' champa sin.

Tha luchd-iomairt ag ràdh nach eil bun-structair ann airson dèiligeadh ris na h-àireamhan seo.

'S ann mu dheidhinn phlanaichean Balfour Beatty a tha na seiseanan poblach an t-seachdain seo.

Bidh a' chiad tè ann an Talla Coimhearsnachd Chaol Àcain eadar 5:30f is 8:30f Diluain agus an dàrna coinneamh ann an Talla an Àth Leathainn Dimàirt eadar 11:00m is 3:00f.

Faodaidh daoine nochdadh aig àm sam bith tro na seiseanan.

Faodar sùil a thoirt air na planaichean agus beachd a thoirt seachad cuideachd air-loidhne an seo, taobh a-muigh.

Bidh barrachd sheiseanan poblach ann sa Ghiblean.