Dh'iarradh air a' phoball gun a dhol faisg air teine mòr ann an coille

Teine ann an Coille Chùil BeinneTùs an deilbh, JASPER IMAGE
Fo-thiotal an deilbh,

Thòisich an teine ann an sgìre Coille Chùil Beinne madainn Diluain

  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-smàlaidh fhathast an làthair aig teine monaidh ann am Moireibh a thòisich madainn Diluain.

Chaidh an gairm gu Coille Chùil Beinne mu 8:40m.

Aig àirde bha an teine a' losgadh air mu 20 mìle de dh'fhearann eadar Inbhir Narann agus Burghead is còrr is 25 smàladair an làthair.

Chan eil aithrisean ann gun deach duine a ghoirteachadh agus thathas ag iarraidh air a' phoball an sgìre seo a sheachnadh agus air daoine faisg air làimh uinneagan is dorsan a chumail dùinte.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba Dimàirt gu bheil ceithir carbadan fhathast aig an làraich gus dèanamh cinnteach nach tòisich an teine sgapadh às ùr.