Cultarlann is coimhearsnachd

Cultúrlann Uí Chanáin ann an DoireTùs an deilbh, GETTY IMAGES
  • Air fhoillseachadh

Le aonta ann am prionnsabal a-niste ann gun ceannaich iomairt a' Chultarlainn seann Eaglais an Ear ann an Inbhir Nis mar ionad airson a' Ghàidhlig a chur air adhart sa bhaile, dè tha cultarlann a th' ann mar thà ann an Èirinn a Tuath a' dèanamh dhan Ghaeilge?

Chaidh Cultúrlann Uí Chanáin a thogail a dh'aona-ghnothaich mar ionad airson a' Ghaeilge agus cultar na Gaeilge a chur air adhart ann am baile Dhoire.

Chaidh a chur air bhonn air an làraich sa bheil e an-diugh ann an 1994, ged a bha ionad eile aca grunn bhliadhnaichean ron sin.

Chosg e £4m an t-ionad a th' ann a stèidheachadh, agus an-diugh tha e aig cridhe coimhearsnachd na Gaeilge sa bhaile, le leithid chlasaichean cànain gan ruith ann, tachartasan teaghlaich, cèilidhean, cuirmean-ciùil, tèatar, taisbeanaidhean ealain agus gu leòr eile.

Cultúrlann Uí Chanáin ann an DoireTùs an deilbh, GETTY IMAGES

"‘S e ionad cultarail a th’ anns a’ chultarlann an seo ann an Doire, agus bidh sinn a’ cur air dòigh prògraim fharsainn de thachartasan," thuirt Siubhán NicAmhlaoibh, aig a' Chultúrlann.

"Tha rud no dhà a’ dol air adhart againn an seo a thaobh foghlaim dheth. Bidh sinn a’ ruith chlasaichean Gaeilge do dh’inbhich, agus tachartasan is seiseanan eile, stèidhichte air an teaghlach.

"Pàistean òga aig nach eil ‘s dòcha a’ Ghaeilge, agus pàistean òga aig a bheil an cànan tro na Gaelscoileanna (sgoiltean prìobhaideach tro mheadhan na Gaeilge) agus sgoiltean eile. Bidh sinn a’ cruthachadh pacaide mhòir foghlaim.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha Siubhán NicAmhlaoibh gu bheil neartachadh air tighinn air a' chànan ann an Doire bho thòisich an Cultúrlann

"Agus air an làimh eile, cuiridh sinn prògram cultarail air dòigh cuideachd, ‘s tha sin a’ toirt a-steach na Gaeilge, cultar na h-Èireann, agus cultar Èireannach no Gàidhealach.

"‘S dòcha ceòl traidiseanta na h-Èireann, cuirmean-ciùil, bùithdean-obrach, rudan mar sin.

"‘S dòcha gum bi litreachas na Gaeilge an sàs, tachartasan do dhaoine a tha ag ionnsachadh, ‘s dòcha dannsaichean a chleachdadh mar uidheam foghlaim, no mar a sgrìobhar rudan anns a’ Ghaeilge.

"‘S e prògram farsainn a th’ againn an seo, agus bidh sinn an-còmhnaidh a’ cruthachadh smuaintean ùra agus gan toirt gu buil. ‘S e obair inntinneach a th’ ann," thuirt i.

Cultúrlann Uí Chanáin ann an DoireTùs an deilbh, GETTY IMAGES

Tha cuideam air an fhacal "coimhearsnachd" ann an Èirinn a Tuath nach eil buileach an cois an fhacail air Ghàidhealtachd na h-Alba, ach tha an Cultúrlann a' cleachdadh a' chànain mar dhrochaid eadar dà choimhearsnachd airson an toirt còmhla.

Gu h-eachdraidheil, cha b' e cànan nan Caitligeach a-mhàin a bh' anns a' Ghaeilge, ged a tha am beachd sin air fàs cumanta. Bha mòran Phròstanach a bhruidhneadh an cànan cuideachd.

Tha an Cultúrlann ag amas air barrachd a dhèanamh gus daoine on choimhearsnachd sin a thàladh gu bhith a' gabhail pàirt ann an saoghal na Gaeilge agus a cultair.

"Tha pròiseact againn a tha ag obair ann an sgìre den bhaile far a bheil mòr-chuid de Phròstanaich ann, ‘s dòcha luchd-taic an Aonaidh," thuirt Siubhán.

"Ach tha dàimh eachdraidheil aig a’ choimhearsnachd sin ris a’ Ghaeilge cuideachd, ‘s dòcha nach eil fhios aca – no ‘s dòcha gu bheil fhios aca – ach nach eil iad misneachail gnothach a ghabhail ris a’ chànan.

"Tha sinn ag iarraidh fàilte a chur romhpa, agus tha sinn a' dèanamh sin, ach bu mhath leinn barrachd a dhèanamh on taobh sin dheth," thuirt i.

DoireTùs an deilbh, GETTY IMAGES

A rèir a' chunntais-shluaigh ann an 2011, bha 14,605 duine ann am baile Dhoire aig an robh a' Ghaeilge gu ìre air choireigin.

Tha an Cultúrlann a' cur fàilte air duine sam bith le ùidh no dualchas Gaeilge.

Tha cothroman gu leòr an cois nan goireasan a tha rim faighinn ann, le tèatar a shuidheas 200 duine, a thuilleadh air cafaidh, gàrradh air a' mhullach, ionad-co-labhairt agus ionad-ealain ioma-chleachdaidh.

"Bidh sinn a’ cur fàilte ro na mìltean dhaoine gach bliadhna," thuirt Siubhán.

"Chan eil mi cinnteach a bheil a’ Ghaeilge aig a h-uile duine aca a thig a-steach dhan togalach seo, ach tha fàilte romhpa.

"Mar eisimpleir bha tachartas mòr againn Oidhche Shamhna Dimàirt agus thog e mo chridhe na bha de theaghlaichean a bha a’ tighinn a-steach ‘s iad a’ bruidhinn na Gaeilge.

"Bha teaghlach no dhà ann a thàinig à sgìrean eile den dùthaich ‘s fios aca gun robh tachartasan Gaeilge againn.

"Tha e ri fhaireachdainn gu bheil neartachadh anns a' chànan an seo bho thòisich an Cultúrlann, agus na buidhnean eile a tha an sàs leis a’ Ghaeilge an seo.

"Oir ‘s e rud a th’ ann gu bheil iad ag obair le chèile, ‘s a’ neartachadh na Gaeilge le chèile. Tha an neartachadh sin ri fhaicinn an seo gu cinnteach," thuirt i.

Tha fhios gum bi gu leòr de Ghàidheil Inbhir Nis an dòchas gun tig leithid de bhuannachd às a' Chultarlann ùr sa bhaile.