26 bliadhna na Riochdaire a' Chrùin sna h-Eileanan an Iar

Betty McAtear, a cèile Danny agus Iain MacAmhlaighTùs an deilbh, Morair-ionaid a' Chrùin
Fo-thiotal an deilbh,

Betty McAtear, a cèile Danny agus Iain MacAmhlaigh

  • Air fhoillseachadh

Rinneadh moladh air Ealasaid McAtear aig cuirm ann am Barraigh an dèidh dhi a bhith 26 bliadhna a' Riochdachadh a' Chrùin sna h-Eileanan Siar.

Bha i na h-Iar-Mhorair-Ionaid a' Chrùin bho 2017, agus ron sin bha i na Leas-Mhorair-Ionaid a' Chrùin bho 1998.

Thuirt Morair-Ionaid a' Chrùin do na h-Eileanan Siar, Iain MacAmhlaigh, gun do chuir e eòlas air Betty an toiseach ann an 1985 nuair a bha i na Manaidsear air Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill do Bharraigh is Bhatarsaigh.

Tha spèis aige dhi, thuirt e, airson "cho dealasach 's a bha i ann a bhith a' cumail taic ri daoine agus a' toirt comhairle dhaibh, gu math tric nuair a bha suidheachadh èiginn ann dhaibh neo an teaghlaichean."

Bha cothrom o chionn ghoirid aig Mgr MacAmhlaigh urram agus taing a thoirt dhan Bh.-Ph. McAtear airson na seirbheis fad 26 bliadhna a thug i seachad mar riochdaire a' Chrùin.

Aig an aon chuirm am Barraigh ghabh Christine Nic a' Bhreatnaich a h-àite gu foirmeil mar Leas-Mhorair-Ionaid a' Chrùin do Bharraigh is Bhatarsaigh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo