"Plana fòcaiste" aig Fionnlagh Dòmhnallach

TaighTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Fionnlagh Dòmhnallach fo chasaid gun do dh'fheuch e ri a bhean a mhurt aig dachaigh an teaghlaich san Eilean Sgitheanach

  • Air fhoillseachadh

Chuala an Àrd-chùirt ann an Dùn Èideann beachd gun robh "plana fòcaiste" aig Sgitheanach a tha fo chasaid gun do mhuirt e aon duine, agus gun do dh’fheuch e ri triùir eile a mhurt eadar an t-Eilean Sgitheanach agus an Dòrnaidh.

Thuirt an Dr Harry Wood, a tha na shaidhc-eòlaiche foireansach, gun robh e den bheachd gun robh Fionnlagh Dòmhnallach airson dèiligeadh ri daoine a bha e fhèin a' faicinn a bh' air duilgheadasan adhbharachadh dha.

Thuirt e cuideachd gun robh òtasm na rud a thug buaidh nach beag air giùlan Fhionnlaigh Dhòmhnallaich.

Dh’innis an Dr Wood gun robh esan den bheachd gun tug òtasm air Mgr Dòmhnallach a bhith air a bheò-ghlacadh le plana gus rudan a bha ceàrr a chur ceart; a thug air ionnsaigh a thoirt air a bhràthair-chèile agus a lighiche-chnàmh le gunna air an 10mh là den Lùnastal 2022.

Thuirt an Dr Wood gun robh e den bheachd gun do cho-dhùin Mgr Dòmhnallach nach robh e gu bhith na fhulangaiche tuilleadh.

Thuirt e gun robh an dol a-mach aige coltach ri cuideigin a bha le làn-aire air fhèin, agus am plana aige fhèin, gun an ìre àbhaisteach de cho-fhaireachdainn a nochdadh.

Bha "plana fòcaiste" aige dèiligeadh ri daoine a bha esan a' faicinn a bh' air duilgheadasan adhbharachadh dha, thuirt an Dr Wood.

Thuirt an Dr Wood cuideachd gun robh e den bheachd gun robh Mr Dòmhnallach cuideachd fo bhuaidh PTSD a’ dol air ais go 2013, le Mgr Dòmhnallach a’ cumail a-mach gun tug a bhràthair-chèile - John MacFhionghain - ionnsaigh air aig a thaigh ann an Tarsgabhaig ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich, agus gun do dh’fheuch e sùil a spìonadh às.

Dh'innis an t-Advocate depute Liam Ewing KC don diùraidh san òraid dhùnaidh aige gun robh "trioblaid o chionn fhada le smachd a chumail air a chuid feirge" agus "gabhlas daingeann an aghaidh dithis fhear" aig Mgr Dòmhnallach.

Thuirt an neach-casaid gun robh mar a bha e air a ghiùlain fhèin agus mar a dh'ullaich e air thoiseach air an ionnsaigh air Mgr MacFhionghain a' sealltainn gur e murt a' bhreith iomchaidh, seach a' bhreith nas lugha de mharbhadh le coire.

Thuirt e airson breith a thilleadh gur e marbhadh le coire a rinn e, gum feumadh an diùraidh a bhith cinnteach gun robh "bacadh nach beag" air comas Mhgr Dhòmhnallaich smachd a chumail agus measadh a dhèanamh air an dol a-mach aige."

Tha Mgr Dòmhnallach a’ dol às àicheadh nan casaidean gu lèir, agus e a’ cumail a-mach nach robh a làn-bhuadhan aige ri linn claonadh inntinn.

Tha a' chùis a' leantainn.