Rathad Ghleann Bhreatail dùinte 'son obair-càraidh

An C1237
Fo-thiotal an deilbh,

Tha oir an rathaid air crìonadh gu mòr ann an grunn àiteachan.

  • Air fhoillseachadh

Tòisichidh obair Diluain air fear de na rathaidean as trainge agus as miosa san Eilean Sgitheanach.

Bidh rathad an C1237 eadar Margadal agus Gleann Bhreatail dùinte bho Dhiluain agus dùil gun lean an obair dhan 15mh den t-Samhain.

Tha an t-slighe gu Gleann Bhreatail air dhol gu math nas tràinge anns na bliadhnaichean mu dheireadh, agus luchd-turais a’ siubhal an taobh sin ach am faigh iad gu Glumagan nan Sìthichean.

Gheibh muinntir an àite cothrom siubhal air an rathad aig amannan sònraichte ach bidh carbadan eile air an casg air an rathad fhad 's a tha an obair a' dol air adhart., taobh a-muigh

Luchd-turais ri taobh Glumagan nan Sìthichean.Tùs an deilbh, Arterra

Thathar air a bhith a' togail dhraghan mu staid an rathaid seo airson grunn mhìosan, agus oir an rathaid singilte air crìonadh.

Tha sin a' fàgail gu bheil carbadan air a bhith stuicte air an rathad gu cunbhalach, gu sònraichte tro mhìosan an t-samhraidh.

Bidh an dùnadh seo na bhriseadh dùil do luchd-turais a bha an dòchas tadhal air Glumagan nan Sìthichean ach bheir e buaidh cuideachd air gnothachasan san sgìre.

Tha na goireasan agus àiteachan pàrcaidh do luchd-tadhail faisg air na Glumagan air an ruith leis a'bhuidheann charthannais Outdoor Access Trust for Scotland as leth Chomann Talla Coimhearsnach Mhinginis., taobh a-muigh

A' call teachd a-steach

Thuirt manaidsear nan goireasan, Ali Chaimbeul, gum bi iad a' call teachd a-steach mar thoradh air an obair seo.

"Gu follaiseach, bidh cuid den airgead sin a' dol dhan mhaoin choimhearsnachd cuideachd.

"Mar sin, tha e doirbh ach aig deireadh an là feumaidh daoine faighinn troimh gu sàbhailte, feumaidh sinn ionnsachadh bho na thachair as t-samhradh.

"Tha cruaidh fheum air a seo do mhuinntir an àite, dhan a h-uile duine, tha e riatanach - brònach ged a tha e - tha sgìrean eile san Eilean Sgitheanach a tha brèagha cuideachd", thuirt i.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a tha an urra ris an rathad air taic-airgid luach £150,00 fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba mu choinneimh pàirt den obair air na àiteachan far am faigh carbadan seachad air a chèile.

Ach 's e an t-ùghdarras ionadail a bhios a' pàigheadh 'son uachdar an rathaid a chàradh còmhla ris an obair leasachaidh air oir an rathaid.

Bidh an rathad dùinte bho 8.30m. gu 6.00f. gach là fhad 's a leanas an obair.

Tuill