Mackay-Steven air ais aig County

Gary Mackay-StevenTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Ross County gu bheil Gary Mackay-Steven air ainm a chur ri cùmhnant bliadhna ann an Inbhir Pheofharain.

Rugadh Mackay-Steven ann an Inbhir Theòrsa is bha e ann an siostam òigridh Chounty na bhalach mus do ghluais e gu Liverpool aig aois 17.

Thill e a dh'Alba an toiseach leis An Àrd-Ruigh is chluich e às dèidh sin 'son Dundee United, Celtic, Obar Dheathain, New York City, Hearts is Cill Mheàrnaig.

Chluich e cuideachd dà gheama do dh'Alba.

"Tha sinn air ar dòigh Gary a thoirt air ais dhan chluba," thuirt manaidsear Chounty, Don Cowie.

"Tha tòrr eòlais aige air na cliathaichean is tha sinn fìor thoilichte gu bheil e air co-dhùnadh tilleadh gu tuath."

'S e Mackay-Steven an dàrna cluicheadair a tha air cluich do dh'Alba a tha County air a thoirt a-steach anns na làithean mu dheireadh is Declan Gallagher cuideachd air ainm a chur ri cùmhnant aig a' chluba.