Corp air a lorg air taobh siar na Gàidhealtachd

Bernard TrottetTùs an deilbh, Poileas Alba
  • Air fhoillseachadh

Chaidh corp fireannaich a lorg le sgiobannan a bha a' sireadh fhir on Eilbheis a bha a' coiseachd air Ghàidhealtachd 's a bha a dhìth.

Bha Bernard Trottet, 65, air a bhith a' coiseachd air Slighe a' Phairbh, agus chualas mu dheireadh bhuaithe aig Bothan Coire Thulaich ann an Gleann Fhionnain Dimàirt an 27mh là den Chèitean.

Bha sgiobannan teasairginn nam beann agus heileacoptairean an sàs san iomairt gus lorg fhaighinn air.

Dh'innis na Poilis gun deach corp a lorg anns an uisge faisg air Ceann Loch Iuthairn feasgar Diluain.

Cha deach aithneachadh oifigeil a dhèanamh air a' chorp fhathast, ach chaidh fios a chur air teaghlach Mhgr Trottet.

Chan eil dùil gu bheil càil amharasach mun chùis.