Oasis air ais

Dealbh de na bràithrean GallagherTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Còrr air 31 bliadhna bho nochd iad le brag is an t-òran Supersonic agus 16 bliadhna bho dhealaich iad is na bràithrean Gallagher aig ugannan a chèile, tha Oasis a' tilleadh.

Nochdaidh Liam, Noel is càch air an àrd-ùrlar aig a' Phrincipality Stadium ann an Cardiff oidhche Haoine agus oidhche Shathairne air thoiseach air tuilleadh chuirmean ann am Breatainn, Èirinn, Canada, na Stàitean Aonaichte, Meagsago, Corea a Deas, Iapan, Astràilia agus Aimeireagaidh a Deas.

'S e Cast agus Richard Ashcroft an luchd-ciùil taice a bhios aca ann am Breatainn agus Èirinn.

Tha na mìltean mòra ann an Cardiff mar-thà.

Mad for it

Thàinig an clàr mu dheireadh aig Oasis, Dig Out Your Soul, a-mach anns an Dàmhair 2008 - beagan mhìosan mus deach Liam agus Noel Gallagher a-mach air a chèile gu salach aig an fhèis Rock en Seine ann am Paris.

Dhealaich iad agus bha Noel agus Liam a' toirt slaicean air a chèile gu poblach airson bliadhnaichean mus do nochd fios anns an Lùnastal an-uiridh gun robh iad a' tilleadh.

Bidh an craoladair Niall Iain Dòmhnallach aig a' chiad chuirm anns a' Chuimrigh.

Ged a dh'fhailich air ticead fhaighinn nuair a chaidh iad air a' mhargaid airson a' chiad turas anns an Lùnastal an-uiridh, chùm Niall Iain air a' coimhead airson feadhainn, agus mu dheireadh thall, cheannaich e tè airson Mexico City.

Fhuair e an uair sin tè mòran nas fhaisge air an taigh - aig Murrayfield - ach bha e airson Oasis fhaicinn cho luath 's a ghabhas.

"Chan urrainn dhomhsa feitheamh fad mìos, a bhith a' faicinn na tha a' dol air adhart air na meadhanan sòisealta, a bhith a' cluinntinn mu dheidhinn nan cuirmean eadar seo agus an uair sin - agus mar sin - dìreach bho chionn ghoirid, fhuair mi grèim air ticead airson a' chiad chuirm ann an Cardiff", thuirt e.

Chan innseadh e dè a chosg an ticead: "Chosg e fortan ag innse na fìrinn. A' chiad turas a-riamh a chunnaic mise Oasis air ais ann am meadhan nan 90an, chosg e beagan a bharrachd air £12 airson Oasis fhaicinn ann an Sheffield Arena.

"An turas seo, chosg e tòrr a bharrachd na sin - chan eil mi airson cus a ràdh mu dheidhinn ach tha e luach a h-uile sgillinn, tha mi fhìn a' smaointinn."

Niall Iain Dòmhnallach
Fo-thiotal an deilbh,

Niall Iain Dòmhnallach le ticead airson Oasis bho na 90an.

"Seòrsa de chreideamh"

Thuirt Niall Iain: "Tha cuimhne agam a' chiad turas a chuala mi Oasis, bha mi dìreach air mo bheò-ghlacadh anns a' bhad - an ceòl, am fuaim, an ìomhaigh, an seòrsa dol a-mach aig Liam Gallagher - a h-uile sìon a bha sin a bha a' tighinn còmhla.

"Bhon uair sin, tha mi air a bhith gan leantainn. Bidh mi ag èisteachd riutha an ìre mhath a h-uile là agus tha iad a' ciallachadh a cheart uiread dhomhsa an-diugh 's a bha iad a' chiad turas a chuala mi iad.

"Dh'fhaodadh tu a ràdh ann an dòigh gur e seòrsa de chreideamh a th' ann dhomhsa."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Ginealach ùr de luchd-leantainn

Bidh mòran a bha òg anns na 90an aig na cuirmeam ùra aig Oasis ach tha òganaich an là an-diugh air ùidh a nochdadh annta cuideachd.

Tha Niall Iain dhen bheachd gu bheil sin uaireannan a' tighinn bho am pàrantan ach thuirt e cuideachd: "Tha òigridh an là an-diugh a' lorg ceòl dhaibh pèin air an eadar-lìon, air na meadhanan sòisealta agus tha rudeigin aig Oasis am measg nam mìltean de chòmhlain eile a tha a' dol mun cuairt a tha fhathast a' glacadh aire òigridh an là an-diugh - a' sealltainn gu bheil an rud a bh' aca anns a' chiad dol a-mach fhathast aca.

"Dè th' ann? Chan eil fhios 'am - 's e Oasis a th' ann - ach tha e inntinneach a bhith a' faicinn nan daoine a tha tòrr nas òige a cheart cho measail orra 's a tha an fheadhainn a tha beagan nas aosta."

Chan eil fhios fhathast am bi Oasis a' coimhead ri òrain ùra a chlàradh, no dè cho fads 's a bhios iad rèidh - ach tha fios gum bi fàilte mhòr orra nuair a nochdas iad air an àrd-ùrlar còmhla uair eile.