Dà aiseag ChalMac "as dualtaiche a bhith air an saoradh bho sheirbheis"

An MV Isle of Lewis
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Caledonian Mac a' Bhiuthainn gu faodadh a dhà de na h-aiseagan as motha a th' aca a bhith air an toirt a-mach à seirbheis nuair a thòisicheas na bàtaichean ùra a tha gan togail an-dràsta.

Thuirt a' chompanaidh gur i an Isle of Lewis, a tha a' seòladh eadar Barraigh agus an t-Òban, agus an Isle of Mull, a tha air slighe Mhuile a bha air an comharrachadh mar na soithichean as dualtaiche a bhith air an saoradh bho sheirbheis.

Tha dà aiseag gan togail air Chluaidh an-dràsta agus ceithir eile gan togail anns an Tuirc.

Thuirt Stiùiriche Ro-innleachd agus Atharrachadh ChalMac, Pauline Blackshaw, gu bheil iad air crìoch a chur air a' chiad mheasadh aca air an t-suidheachadh nuair a bhiodh na sia bàtaichean a thathar a' togail an-dràsta uile a' ruith air na seirbheisean aca.

"Bha am measadh seo ag aithneachadh an MV Isle of Lewis agus an MV Isle of Mull mar na soithichean as dualtaiche a bhith air an saoradh bho sheirbheis aig an àm ud.

"Tha cuidhteachadh shoithichean a'crochadh air grunn rudan, agus bidh a' chiad mheasadh a tha seo ga chumail fon phrosbaig thairis air a' bhliadhna a tha romhainn agus dh'fhaodadh e atharrachadh.

"Ni sinn cinnteach gum bi soitheach a bharrachd againn airson dèiligeadh ri troimh chèile anns an lìonra nuair a bhios trioblaidean aig na prìomh shoithichean againn.

"Nuair a thèid soithichean a thoirt a-mach às an t-seirbheis againn, bithear gan toirt air ais gu CMAL airson co-dhùnadh a dhèanamh an tèid an reic no ath-chuairteachadh", thuirt i.

An MV Isle of Mull
Fo-thiotal an deilbh,

An MV Isle of Mull