Draghan às ùr mu rathaidean na Gàidhealtachd

Tuill san rathad
  • Air fhoillseachadh

Thàinig e am bàrr gu bheil e air faileachadh air Comhairle na Gàidhealtachd daoine fhastadh airson sgioba ùr rathaidean – an Rapid Roads Repair Team - is tha rabhadh às ùr ann cuideachd mu bhuidseat nan rathaidean an ath-bhliadhna.

Dh'aontaich a' Chomhairle nas tràithe am-bliadhna còrr is £1m a chosg air sgioba a stèidheachadh le uallach a dhol gu àitichean far a bheil trioblaidean sònraichte ann le tuill san rathad is obair-càraidh a dhèanamh orra.

Ged a dh'innis a' Chomhairle bho chionn ceithir mìosan gun robhar a' cumail agallamhan, cha deach aca air an sgioba a chur gu dol.

'S e Brexit as coireach, tha iad ag ràdh.

"'S e am beachd a bh' ann gum biodh sgiobaidhean againn a rachadh a-mach air feadh na Gàidhealtachd gus dèiligeadh ri tuill", thuirt cathraiche na h-eaconomaidh is a' bhun-structair aig Comhairle na Gàidhealtachd, an Comh. Ken Gowans.

"Chaidh againn air daoine fhastadh ach dh'fhàg iad airson falbh gu buidhnean eile. Tha mi a' smaointinn gu bheil tòrr bhuidhnean a' faicinn seo an-dràsta, air Ghàidhealtachd gu sònraichte, is Brexit a' bualadh oirnn", thuirt e.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Alasdair MacLeòid ag aithris mu rathaidean an Eilein Sgitheanaich.

Dh'innis an Comh. Gowans gun tèid na dreuchdan a shanasachd a-rithist san Fhaoilleach.

Tha dùil gum bi obair mhòr ron sgioba, ge bith cuin a thòisicheas iad, le rabhadh cuideachd mu bhuidseat rathaidean na Comhairle anns na mìosan ri tighinn.

Ged a bhathas a' cur ris a' bhuidseat 'son rathaidean an Eilein Sgitheanaich anns na bliadhnaichean mu dheireadh, chan eil dùil gun tachair sin a-rithist.

"Tha beàrn mhòr ann am buidseat na Comhairle ri lìonadh, am-bliadhna agus thairis air na trì bliadhnaichean ri teachd", dh'innis fear de chomhairlichean an Eilein, Calum Rothach.

"Tha an t-airgead calpa a' dol a thuiteam air ais gu mar a bha e agus sin agad an tàmailt.

"Mur a bi dòigh eile ann air airgead a thoirt a-staigh, chan urrainn dhuinn ach mu £500,000 de dh'airgead chalpa a chur air rathaidean an ath-bhliadhna", thuirt e.