'Chan eil guth gnothachais air Bòrd Coimhearsnachd ChalMac'

Aiseag ChalMac a' fàgail an ÒbainTùs an deilbh, CalMac
  • Air fhoillseachadh

Tha Bòrd Coimhearsnachd ChalMac a' dol às àicheadh beachd bho Aonadh an RMT mu phrìomhachasan a' Bhùird.

Thuirt riochdaire bhon RMT gur e, ann an cuid de shuidheachaidhean, maith ghnothachasan, seach feumalachdan nan coimhearsnachdan san fharsainneachd, a tha fa-near dhan Bhòrd.

Ach, tha cathraiche a' Bhùird ag ràdh nach eil càil air an aire, ach na coimhearsnachdan a tha iad a' riochdachadh.

Chaidh Bòrd Coimhearsnachd ChalMac a stèidheachadh gus guth a thoirt do choimhearsnachdan ann an obair na buidhne, gus am biodh iad air an riochdachadh ann an co-dhùnaidhean a thèid a dhèanamh.

Ann an co-chomhairle air cùmnant ùr nan seirbheisean-aiseig, bha e follaiseach nach robh a' mhòr-chuid de dhaoine airson 's gun deadh an cùmhnant a thoirt gu dìreach do ChalMac gun farpais a bhith ann.

Teachdaireachd Làidir

"Sheall a' cho-chomhairle gu soilleir - agus bhruidhinn sinn ri suas ri 1,000 duine, 's rinn sinn mu 40 coinneamh - gun robh a' mhòr-chuid de dhaoine, 70%, ag iarraidh nach deadh an cùmhnant a thoirt gu dìreach do ChalMac," thuirt Cathraiche Bhòrd Coimhearsnachd ChalMac, Aonghas Caimbeul.

"Airson sin a chur ann an co-theacsa, 's ann air sgàth 's gun robh iad cho mì-thoilichte le CalMac 's an t-seirbheis a bha iad a' faighinn agus an t-seòrsa mhanaidsearachd a bha a' tighinn troimhe.

"'S gun robh iad a' faireachdainn gur e sin an aon dòigh air atharrachadh a dhèanamh.

"B' e teachdaireachd an ìre mhath làidir a bha sin.

"Ach mar a thuirt mi, ga chur ann an co-theacsa, chaidh co-dhùnadh a dhèanamh a-niste gun coimhead iad ri bhith a' toirt na seirbheis a-steach am broinn an Riaghaltais.

"Saoilidh mi gur e a dh'fheumas sinn beachdachadh air a-niste, ach ciamar a bheir sinn piseach air gnothaichean obrachaidh a' chùmnant, gus guth a bharrachd a thoirt do choimhearsnachdan, agus atharrachadh dha-rìribh a thoirt air cùisean a tha gu math fada a' tighinn," thuirt e.

Cha robh Mgr Caimbeul toilichte mu na thuirt Neach-Deasachaidh an RMT mun Bhòrd Choimhearsnachd.

Thuirt Gòrdan Màrtainn ri BBC Naidheachdan bho chionn cola-deug: "Chan eil coltas ann gu bheil e ag obair faisg air an ìre a bha sinne a' sùileachadh 's an dòchas gun obraicheadh e.

"Saoilidh mi - 's chan eil mi airson a bhith a' fàgail rud air duine gun adhbhar - ach saoilidh mi le cuid aca gur e maith ghnothachasan seach feumalachdan dha-rìribh na coimhearsnachd san fharsainneachd a tha am bàrr.

"Sin a dh'iarramaidne fhaicinn. A' choimhearsnachd gu lèir - agus tha gnothachas na phàirt mhòr dheth sin, gun teagamh - ach feumar beachdachadh air feumalachdan agus iarrtasan na coimhearsnachd gu lèir," thuirt e.

Coltach Ri Chèile

Ach tha Bòrd Coimhearsnachd ChalMac a' dol às àicheadh sin.

"Sa chiad dol a-mach, chan eil gnothachas ga riochdachadh air a' Bhòrd Choimhearsnachd," thuirt Mgr Caimbeul.

"Saoilidh mi, duine sam bith a shuidheas a choimhead tro na mionaidean againn, gum faic iad gu bheil còig duine deug de shaor-thoilich againn bho air feadh nan eilean nach eil ag iarraidh ach cùisean a dhèanamh nas fheàrr dha na coimhearsnachdan aca, 's guth a bharrachd a thoirt dhaibh anns na seirbheisean a tha iad a' faighinn.

"'S e car de bhriseadh-dùil a bh' ann gun deach an abairt sin a chleachdadh.

"Ach saoilidh mi gu bheil gu leòr de na tha sinne ag iarraidh, agus gu leòr de na tha an RMT ag iarraidh, gu math coltach ri chèile a thaobh guthan coimhearsnachd an sàs ann an ruith nan aiseagan, bùird an dà bhuidhinn mar a tha iad an-dràsta a chur còmhla, agus guthan eileanach a bhith air na bùird a tha seo.

"Sin agus deagh dhòigh a bhith stèidhichte air gach eilean tro an toir guth na coimhearsnachd buaidh air dè an t-seirbheis a tha an t-eilean aca a' faighinn.

"Cha chreid mi gu bheil sinn fada bho chèile air na gnothaichean seo, agus bu mhath leinn ar n-aire a chumail air na rudan deimhinneach seo, 's a bhith ag obair còmhla gus an cùmhnant a chur ann an staid nas fheàrr," thuirt e.

Tha dùil ri co-dhùnadh mu chùmhnant ùr nan seirbheisean-aiseig as t-Samhradh.