Gearan air dràibheadh ann an Steòrnabhagh

Lewis MacLeòid
  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-teagaisg dràibhidh ann an Leòdhas a' gearain mu dhol a-mach dhràibhearan ann an Steòrnabhagh, gu h-àraid aig cearcaill-rathaid.

Tha iad ag ràdh nach eil cuid a' cleachdadh siognalan airson innse dè an taobh a tha iad an dùil a dhol, agus gu bheil iad glè thric san àite cheàrr aig na cinn-rathaid.

Do dhaoine a tha a' tòiseachadh a-mach air cùl na cuibhle 'son a' chiad uair, tha seo a' cur ris an uallach a th' orra, a rèir nan tidsearan dràibhidh.

"Tha car de thrioblaid againn le trafaig eile a' tighinn a dh'ionnsaigh chearcall-rathaid gun siognal a' dol," thuirt Lewis MacLeòid, a tha na thidsear dràibhidh.

"A' chiad rud, tha sin cunnartach. Dh'fhaodadh tu tubaist a bhith agad aig àm sam bith.

"Cuideachd, tha e a' sàrachadh luchd-ionnsachaidh a tha a' feuchainn ri an slighe a dhèanamh mu chearcall-rathaid - uaireannan 'son a' chiad uair.

"Tha e caran sàraichte dhuinn fhèin cuideachd, agus chan eil an stiùireadh againne a' dèanamh ciall mura h-eil càch a' siognaladh.

"Tha e gan dèanamh nearbhach, agus ma tha iad a' dèanamh deuchainn, faodaidh e uaireannan droch mhearachd mhì-fhortanach adhbharachadh.

Luchd-turais

Thathas cuideachd den bheachd gu bheil e nas miosa mun àm seo bhliadhna, leis an luchd-turais a th' air làithean-saora is na rathaidean nas trainge, is cuid 's dòcha nach eil cho eòlach air dràibheadh san dùthaich seo.

Chan ann orrasan a tha an coire air fad ge-tà, le faireachdainn nach eil soidhnichean no càil den leithid sin ann gus aire a' phobaill a thogail.

"Tro sheusan na turasachd bidh dràibhearan à tìr-mòr, dràibhearan à dùthchannan eile, agus bidh iad a' tighinn suas gu cearcall-rathaid mar a dhèanadh iad gu h-àbhaisteach san lèana chlì," thuirt Mgr MacLeòid.

"Anns a' bhaile againne, mar as trice 's ann a tha an lèana chlì airson daoine a tha a' fàgail a' chearcaill-rathaid aig a' chiad cheann-rathaid.

"Mar sin bidh tòrr trafaig san lèana cheàrr cuideachd, 's tha sin a' dèanamh tòrr troimhe-chèile."

An Comh. Ùisdean Robasdan

"Chan urrainn dhuinn mar luchd-teagaisg agus mar dhràibhearan ionnsachaigh ach a bhith an dùil ris 's deiseil airson rud sam bith a dh'fhaodadh tachairt," thuirt Mgr MacLeòid.

"Ach nam biodh barrachd shoidhnichean-rathaid ann a' cur an cuimhne dhaoine sealltainn far a bheil iad an dùil a dhol aig cearcaill-rathaid bhiodh sin na chuideachadh mòr uabhasach.

"Tha tubaist no dhà air a bith ann aig cearcaill-rathaid, 's turas no dhà far an do theab tubaist a bhith ann. Rud sam bith airson sin a sheachnadh, bhiodh e na bhònas."

Thuirt Cathraiche na Còmhdail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gun coimhead iad ri loidhnichean nas soilleire a chur air na rathaidean.

Tha e an dùil gun tachair an obair sin a dh'aithghearr.

"Tha mi air gearainnean fhaighinn o chomhairle choimhearsnachd timcheall cheann-rathaid gu h-àraid, far a bheil na loidhnichean geala, bha iad ann ach 's ann air èiginn a chì thu iad ann an àiteachan," thuirt Mgr Robasdan.

"Bha mi a' bruidhinn ri oifigearan mu dheidinn sin toiseach na seachdain fhèin, 's a' bruidhinn air gun tèid an obair sin a dhèanamh uaireigin air an t-samhradh seo.

"Gu h-àraid airson strainnsearan san àite. Tha sinne cho eòlach air."