Eachdraidh iongantach nan còisirean an Earra-Ghàidheal is "sing off" Mòd 1893

Còisir an Òbain ann an 1967 (Dealbh bho fhios-naidheachd bhon Chomunn Ghàidhealach) Tùs an deilbh, Tìm an Òbain
Fo-thiotal an deilbh,

Còisir shoirbheachail an Òbain ann an 1967

  • Air fhoillseachadh

Tha sinn air Diciadain a' Mhòid a ruighinn is chan fhada a-nise gus am bi aire air na còisirean.

Ach tha dualchas beartach nan còisirean Gàidhlig ann an Earra-Ghàidheal gu sònraichte mar-thà air a bhith fon phrosbaig san Òban anns na seachdainean mu dheireadh.

Tùs an deilbh, Tìm an Òbain
Fo-thiotal an deilbh,

Còisir an Òbain ann an 1989

'S iad a' bhuidheann Oban Heritage Hunters, taobh a-muigh a tha air cùl Taisbeanadh Chòisirean Earra-Ghàidheal ann an Ionad Achadh na Creige sa bhaile is Eleanor NicFhionghain os a chionn.

Tha iad a' dèanamh dheth gu bheil timcheall air 20 còisir Ghàidhlig air a bhith ann an Earra-Ghàidheal san 60 bliadhna mu dheireadh.

Fo-thiotal an deilbh,

Còisir an Òbain ann an 1895

'S i Còisir an Òbain an tè as sine is i a' dol air ais gu 1892 - a' bhliadhna a bha a' chiad Mhòd ann.

Tha dealbh den chòisir ann an 1895 am measg nan dealbhan a tha a' nochdadh san taisbeanadh.

Fo-thiotal an deilbh,

Còisir Àrd-sgoil an Òbain 1933/34

Agus 's iomadh dealbh sin - mòran à stòras Tìm an Òbain - agus cuideachd seann bhideothan bho thasglan a' BhBC.

Tha cuideachd fiolm goirid a rinn Anna Garvin às an Òban a tha ag amas air blas a thoirt do dhaoine air cò ris a tha e coltach a bhith ann an còisir Ghàidhlig.

Tùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
Fo-thiotal an deilbh,

Còisir an Tairbeirt (Loch Fìn) ann an 1950

Tha cuid de sgeulachdan àraid air tighinn am bàrr fhad 's a bha a' bhuidheann ag ullachadh an taisbeanaidh.

Nam measg tha rud a thachair aig Mòd 1893 - is air a bheil a' bhuidheann fhèin a' gabhail 'sing off'.

Fo-thiotal an deilbh,

Còisir ann an Inbhir Nis uaireigin. Eil fios agaibh cò th' annta?

Fhuair iad aithris pàipear-naidheachd a dh'innis gun robh ceithir còisirean "cho faisg is gun robh feum air deuchainnean eile".

"Chaidh seo a dhèanamh le dà chòisir a bhith air an àrd-urlar aig an aon àm, a' gabhail rannan mu seach às an aon òran".

Fo-thiotal an deilbh,

Còisir an Òbain aig Mòd 1947 ann am Peairt

Às dèidh ùine mòire is deasbaid fhada co-dhùin na britheamhan gur e Còisir an Naoimh Colm Cille à Glaschu a bha sa chiad àite, an t-Òban san dàrna àite is Còisir Bhaile a' Chaolais san treas àite.

Bha am Mòd fada air thoiseach air Sìm Cowell is eile, a rèir choltais.

Fo-thiotal an deilbh,

Còisir Chomhghall ann an 1991

"Thuig a' bhuidheann againn gun robh stòras prìseil againn de dhealbhan is eile is chuir sinn romhainn an taisbeanadh seo a chur air dòigh", thuirt Eleanor NicFhionghain.

"Tha sinn an dòchas gun tòisich seo còmhradh is gum piobraich e cuimhne dhaoine mu eachdraidh iongantach nan còisirean Gàidhlig an Earra-Ghàidheal.

"Tha sinn cho taingeil do Thìm an Òbain agus do dhaoine sa choimhearsnachd a tha air dealbhan is gnothaichean eile a thoirt dhuinn.

"'S e seo an dòigh againn air fàilte a chur air a' Mhòd dhan Òban uair eile agus 's e rud sònraichte dha-rìribh a th' ann dhuinn ar dualchas a thaisbeanadh do luchd-tadhail".

Tùs an deilbh, Tìm an Òbain
Fo-thiotal an deilbh,

Còisir Port Sgioba. Thathar a' smaointinn gur ann aig Mòd ann am Peairt a chaidh an dealbh seo a thogail

Bidh an taisbeanadh ann an Ionad Achadh na Creige gu deireadh na mìos.

Ged nach eil dùil ri 'sing off' gus co-dhùnadh cò na còisirean a shoirbhicheas aig Mòd 2024.

Fo-thiotal an deilbh,

Còisir Port Ìlein an 1992