Àrdachadh mòr ann an goid às na bùithdean sna h-Eileanan Siar
- Air fhoillseachadh
Thàinig àrdachadh mòr air na chaidh a chlàradh de ghoid à bùithdean nan Eilean Siar.
Chaidh fios a chur air na Poilis 18 tursan am-bliadhna gun robh stuthan air an goid à bùithdean nan eilean.
Tha sin an coimeas ri dìreach dà chùis ann an 2020/2021.
Tha beachd ann gu bheil barrachd chùisean dheth ann na chaidh a chlàradh.
Thuirt Àrd-Inspeactair nam Poileas anns na h-Eileanan Siar, Sìne NicCoinnich, gu bheil àrdachadh mòr anns na tha de chùisean goid à bùithdean an taca ris an ìre sa bhitheantas thairis air còig bliadhna, ach gu bheil sin fìor air feadh na dùthcha.
Thuirt i gur dòcha gu bheil seo ceangailte ri staing nan cosgaisean bith-beò.
Thug i cuideachd iomradh air duilgheadasan ann a bhith a' clàradh na h-eucoire seo, le cuid de bhùithdean a' clàradh a h-uile cùis, 's feadhainn eile nach bi a' clàradh gin idir.
Tha sin a' fàgail, thuirt i, gum faodadh an ìre dha-rìribh a th' ann de ghoid à bùithdean anns na h-Eileanan Siar a bhith gu math nas àirde na tha na figearan oifigeil a' sealltainn.