Àrdachadh 7% ga mholadh airson cìs-chomhairle na Gàidhealtachd

CunntasTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thèid iarraidh air comhairlichean na Gàidhealtachd a' chìs-chomhairle a chur suas 7% nuair a stèidhicheas iad am buidseat an t-seachdain seo tighinn.

Chuireadh sin cunntasan bann D suas gu £1,527.09 anns a' bhliadhna.

Thèid am buidseat a stèidheachadh air an 6mh dhen Mhàrt.

Fon mholadh, cha bhiodh aig Comhairle na Gàidhealtachd ri airgead tasgaidh a chleachdadh airson buidseatan a chothromachadh, le pasgan sàbhalaidh de £14m thairis air an ath thrì bliadhna.

'S e aon dòigh airgead a shàbhaladh faraidhean Aiseag a' Chorrain a chur suas 10%.

Thuirt ceannard an ùghdarrais ionadail, an Comh. Raymond Bremner, gu bheil e na phrìomhachas a' chìs-chomhairle a chumail cho ìosal sa 's urrainn dhaibh.

Cuideachd, thèid iarraidh an-diugh air comhairlichean Earra-Ghàidheal is Bhòid cead a thoirt do dh'àrdachadh 8.9% air a' chìs-chomhairle acasan.

Dh'fhàgadh an t-àrdachadh sin daoine ann an dachaigh chumanta bann D a' pàigheadh £1,610 gach bliadhna bhon Ghiblean, suas £131 bho an-dràsta.

Thèid iarraidh air na comhairlichean bhòtadh cuideachd airson plana de ghearraidhean luach còrr air £3m.