Ceum air adhart do phlana taigheadais an seann sgoil san Eilean Sgitheanach

Sgoil BhorradailTùs an deilbh, GEOGRAPH/JOHN ALLAN
Fo-thiotal an deilbh,

Thathar airson dachaighean aig prìs reusanta a thogail an cois a' phròiseict gus làrach na seann sgoile ùrachadh

  • Air fhoillseachadh

Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd £450,000 bho Riaghaltas na h-Alba airson pròiseact gus sean Sgoil Bhorradail ann an Gleann Dail ùrachadh agus dachaighean aig prìs reusanta a thogail ann.

Thàinig am maoineachadh bho Phrògram In-ionmhais na Talmhainn Bàin.

B' e bun-sgoil a bh' anns an Sgoil Bhorradail gu 2007 nuair a dhùin i.

'S ann le Urras Ghleann Dail a tha an làrach a tha iad airson a leasachadh gu buannachd na coimhearsnachd.

Fhuair iad cead-dealbhachaidh as t-Fhoghar an-uiridh airson a' phròiseict sam bi taigheadas a bhios ri fhaotainn air màl reusanta agus àitichean-obrach do mhuinntir an àite.

'S e Urras Taigheadas Coimhearsnachd, ag obair còmhla ri Urras Ghleann Dail, a bhios a' lìbhrigeadh a' phròiseict.

Thuirt Cathraiche Comataidh na h-Eaconomaidh agus a' Bhun-structair, an Comh. Ken Gowans: "Thèid eadar còig agus sia dachaighean a chruthachadh a bhios saor a theasachadh an cois ùrachadh na seann sgoile agus taigh-sgoile ann an sgìre far a bheil taigheadas aig prìs reusanta gu math gann.

"Tha mi a' guidhe gach soirbheachas dhan a h-uile duine a tha an sàs anns an ath ìre den phròiseact chruth-atharrachaidh seo."