Taghadh: Ìmpidh air an ath BhP do na h-Eileanan Siar dèiligeadh ri bochdainn connaidh

Teasadair dealain
  • Air fhoillseachadh

Tha muinntir nan Eilean Siar a' fulang na h-ìre as àirde de bhochdainn chonnaidh san Rìoghachd Aonaichte air fad, a rèir sreath sgrùdaidhean.

Tha bochdainn connaidh a' ciallachadh gu bheil daoine a' cosg còrr agus 10% de theachd a-steach dachaigh air teasachadh an taighe

Ma tha iad ann am fìor bhochdainn connaidh feumaidh iad 20% den teachd a-steach aca a chosg airson iad fhèin a chumail blàth agus fallain.

Tha grunn diofar bhuidhnean an sàs san obair cùisean a leasachadh dhaibhsan ann an cruaidh-chàs agus 's e gnìomh agus gluasad air a' chuspair tha iad a' sireadh bhon ath riaghaltas agus riochdaire aca ann an Westminster.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha Ciorstaidh NicLeòid ag ràdh g' eil barrachd dhaoine a' tighinn thuca airson taic le teasachadh

Tha rannsachadh a rinn a' bhuidheann taigheadais, Tighean Innse Gall, a' tomhas gu bheil 57% de dhachaighean sna h-Eileanan a' fulang bochdainn connaidh, le 44% a' fulang fìor bhochdainn connaidh.

Tha 12 bliadhna on thòisich Ciorstaidh NicLeòid ag obair dhaibh agus tha i ag ràdh gu bheil barrachd is barrachd dhaoine a' tighinn thuca a' sireadh cuideachaidh.

Dh'innis tòrr aca gum bi iad tric a' dol às aonais teas buileach a-staigh leis cho doirbh 's a tha e dhaibh pàigheadh airson an cosgaisean cumhachd.

Thuirt i gun cuireadh iad an taic ri taraif shòisealta neo faochadh do dhaoine a tha a' strì le an cosgaisean cumhachd cho fada 's a bhiodh sgeama sam bith cothromach do dhaoine air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

"Airson an aon ìre de theas fhaighinn ri taigh sa bheil gas feumaidh sinn trì tursan a bharrachd dealain a chleachdadh. Rud a gheibh iadsan airson £200 bidh e suas ri £500 dhuinne.

"Tha sinn a' cleachdadh fada a bharrachd dealain na daoine air tìr-mòr. Dèanamh cothromach e dhan a h-uile duine eadar a bheil thu ann an eilean neo air tìr-mòr gu bheil an rud a tha thu a' pàigheadh airson an dealain gu bheil teas a' tighinn air ais dhan taigh," thuirt i.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha bochdainn connaidh na "chùis èiginn", am beachd Ghòrdain MhicMhathain

Fhuair rannsachadh a rinn Urras Coimhearsnachd Horsiadair air cor an luchd-còmhnaidh ann an Siabast bho Dheas, Dail Beag agus Dail Mòr gu bheil faisg air 60% den t-sluagh am bochdainn connaidh.

Tha Gòrdan MacMhathainn na mhanadsair eadar-amail air a' bhuidhinn a tha a' cleachdadh teachd a-steach bhon chrann-ghaoithe air leasachadh ionadail.

'S e a dh'iarradh esan bhon ath riaghaltas ann an Lunnainn atharrachadh air poileasaidhean cumhachd.

"Feumaidh ceangal a bhith ann eadar na tha e a' cosg dealan a dhèanamh agus na tha dachaighean a' cosg air cumhachd airson margaidh a stèidheachadh a tha nas cothromaiche do dhaoine a tha nas fhaisge air far a bheilear a' cruthachadh cumhachd.

"'S e ceum mòr air adhart a bhiodh ann.

"Tha seo na chùis èiginn; feumaidh sinn fuasgladh fhaighinn cho luath 's a ghabhas," thuirt Mgr MacMhathain.

Fo-thiotal an deilbh,

Dh'iarr Aonghas MacCarmaig atharrachadh air poileasaidhean riaghlachaidh

'S e crathadh a thoirt air riaghlachadh na margaidh cumhachd a tha a dhìth, a rèir Aonghais MhicCarmaig, Cathraiche Buidheann-ghnìomha an Aghaidh Bhochdainn sna h-Eileanan Siar.

"An-dràsta tha tuathan-gaoithe coimhearsnachd sna h-Eileanan an Iar a' cruthachadh barrachd dealain na tha a dhìth air muinntir na sgìre.

"Mar a tha cùisean an-dràsta, feumaidh sinn an dealan sin a chur gu tìr-mòr agus a cheannach air ais air prìs nas àirde.

"Cha bu chòir dhan dealan a bhith nas saoire ann an Lunnainn neo Glaschu na gheibh sinn ann an seo

"Chan eil ciall ann. Bu chòir dhan a h-uile duine an aon phrìs a phàigheadh.

"Feumar fuasgladh fhaighinn dhan sin, agus 's ann mu dheidhinn mar a tha a' mhargaidh ga riaghlachadh a tha a h-uile càil," thuirt e.

Tha teachdaireachd nam buidhnean-taice soilleir.

Ge b' i cò an riaghaltas ùr a bhios ann an Westminster, agus ge b' i cò an riochdaire a bhios aca ann, 's e prìsean cumhachd nas cothromaiche do mhuinntir nan Eilean Siar a thathar ag iarraidh bhuapa.