Dragh mu bhuaidh leasachadh sràide an Inbhir Nis

Ionad bhùithdean an EastgateTùs an deilbh, The Tartan Lens/Geograph
  • Air fhoillseachadh

Tha dragh air nochdadh gum faodadh luchd-ceannaich ann an Inbhir Nis ionad bhùithdean an Eastgate a sheachnadh - ma thèid gluasad air adhart le planaichean airson tè de phrìomh shràidean a' bhaile a leasachadh.

Na bu thràithe den t-seachdain, chùm a' bhuidheann leasachaidh BID Inbhir Nis tachartas - airson beachdachadh air molaidhean gus Sràid na h-Acadamaidh ath-leasachadh.

A rèir nam planaichean, thigeadh lùghdachadh 75% air na tha de thrafaig a' dol tro mheadhan a' bhaile, bhiodh cabhsairean air an leudachadh agus craobhan air an cur.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd an dòchas na planaichean a chur gu Sustrans gus maoineachadh fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba fo sgeama air a bheil "Àitichean dhan a h-uile duine".

Thuirt Julian Diamond bhon bhuidhinn Scoop Asset Management, a tha a' riochdachadh an Eastgate, gum bi aig daoine a tha a' tighinn bho thaobh siar a' bhaile ri siubhal nas fhaide ann an càr airson tighinn dhan ionad.

Thuirt e cuideachd ri linn seo, gur dòcha nach bodraig iad fiù 's tighinn a-steach a mheadhan a' bhaile, seach gu bheil pàirce mhòr bhùithdean air an taobh sin de dh'Inbhir Nis.

Thèid bruidhinn air beachdan a nochd aig tachartas na seachdain seo aig coinneimh de Chomataidh Sgìre Inbhir Nis air an 28mh là den mhìos.

Thathas a' feitheamh beachd bho Chomhairle na Gàidhealtachd.