Cowie air a mhisneachadh a dh'aindeoin call an Dùn Èideann

County an Dùn ÈideannTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Thuirt manaidsear Ross County gun tug e na h-uimhir de mhisneachd bhon gheama aca ann an Dùn Èideann air an deireadh-sheachdain, a dh'aindeoin is gun do chaill iad 3-1 an aghaidh Hibs.

Bha County air thoiseach tràth tro Eli Caimbeul ach bha Hibs co-ionnann le tadhal domhain a-steach gu ùine a chaidh a chur ris a' chiad leth.

Stad Jack Hamilton eadar na puist do Chounty breab-peanais bho Nicky Cadden san dàrna leth ach dìreach ceithir mionaidean às dèidh sin fhuair Hibs breab-peanais eile is an turas seo chuir Elie Youan dhan lìon e .

Chuir Josh Caimbeul crìoch air cùisean anns na diogan mu dheireadh is Hibs a' buannachadh 3-1 gus èirigh far bhonn na lìge is leum seachad air County.

Le Cille Mheàrnaig a' buannachadh an aghaidh Hearts Didòmhnaich, tha County a-nise air tuiteam dhan 10mh àite.

Cha robh Don Cowie air a dhòigh leis na h-oifigich is gu h-àraidh mar a chaidh sia mionaidean a chur ris a' chiad leth.

Thuirt e gun robh còir aig County fhèin air an tadhal a chuir Hibs san àm sin a stad, ach gun do dh'iarr e mìneachadh bho rèitire air carson nach do stad e an geama ron sin.

Thuirt e cuideachd "gum faic tòrr bhreaban-peanais ma tha iad gu bhith air an toirt seachad mar a thachair san dàrna leth".

Ach bha dòchas ann do Chowie cuideachd.

"Bha sin cho math 's a chluich sinn air falbh bhon taigh fad an t-seusain. Ma chumas sinn a' dol mar sin thig na puingean air an rathad.

"Tha sinn a-nise aig an taigh an aghaidh St Mirren Disathairne - geama fìor mhòr - is bidh sinn deiseil air a shon," thuirt e.

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Eli Caimbeul is e dìreach air a' chiad thadhal aige fhaighinn 'son Ross County. Chaidh a ghoirteachadh às dèidh sin is chan eil fios fhathast dè cho dona 's a bha sin.

Bha droch dheireadh-sheachdain aig sgioba eile na Gàidhealtachd cuideachd is Caley Thistle a' call 2-0 aig an taigh an aghaidh Obar Bhrothaig.

Thug sin gu ceann streath de thrì geamaichean ann an sreath a bha Inbhir Nis air buannachadh.

Bha buille ann sa chiad leth is Robbie MacThòmais air a chur far na pàirce is chaidh Obar Bhrothaig air thoiseach tràth san dàrna leth le tadhal bho Dylan Mac a' Ghobhainn - balach à Inbhir Nis fhèin a tha air iasad aig Obar Bhrothaig bho Ross County.

Ged a bha cothroman aig ICT faighinn air ais sa gheama - am fear as fheàrr 's dòcha aig an Leòdhasach òg Adam MacFhionghain - chuir Obar Bhrothaig crìoch air cùisean sna mionaidean mu dheireadh.

"Briseadh-dùil a bh' ann agus 's dòcha nach robh sinn foighidinneach gu leòr aig amannan", thuirt àrd-choidse ICT, Scott Kellacher.

"Bha fios againn gum biodh sinn suas is sìos ge-tà, is feumaidh sinn ionnsachadh às.

"Tha am fòcas againn a-nise air Stenhousemuir Disathairne", thuirt e.