Ross County sìos

- Air fhoillseachadh
Tha Ross County air tuiteam a-mach à Prìomh Lìog na h-Alba às dèidh dhaibh call ri Baile Dhùn Lèibhe ann an Inbhir Pheofharain.
Chrìochnaich an geama oidhche Luain 4-2 do Livi is iad mar sin a' soirbheachadh 5-3 thairis air an dà gheama.
Bha na Staggies air tilleadh suas an rathad à Lodainn an Iar Diardaoin co-ionnan 1-1 is Ronan Hale air breab-peanais a chur anns na diogan mu dheireadh.
Thòisich iad gu làidir air a' phàirc aca fhèin oidhche Luain is Josh Nisbet is Hale fhèin gan cur 2-0 air thoiseach air an oidhche, 3-1 thairis air an dà gheama.
Ach cha robh an gnothach seachad.
Thàinig dòchas às ùr do Livi goirid ro leth-ùine is Lewis Mac a' Ghobhainn le tadhal air leth às dèidh dha ruith tro loidhne-dìon Chounty.
Fhuair Baile Dhùn Lèibhe air ais gu 2-2 le cha mhòr uair a thìde air a cluich is Danny MacUilleim a' cur a' bhuill a-steach nuair a bha Jordan Amissah air breab-saor bho Robbie Muirhead a stad.
Dìreach ceithir mionaidean às dèidh sin 's e 3-2 a bh' ann is Muirhead le tadhal àlainn bho oir a' bhocsa.
A dh'aindeoin sia mionaidean a bharrachd aig deireadh a' gheama cha b' urrainn do Chounty tadhal a lorg is air a' cheann-thall fhuair Livi tè eile bho Tete Yengi anns na diogan mu dheireadh.

'S e buille chruaidh a tha seo do Chounty is Don Cowie is iad air a bhith ann an suidheachadh làidir tràth sa gheama oidhche Luain
Dh'fhàg sin gun do bhuannaich Livi 4-2 air an oidhche is 5-3 thairis air an dà gheama.
Tha iadsan mar sin a' tilleadh dhan Phrìomh Lìog dìreach bliadhna às dèidh dhaibh a dhol sìos.
Do Chounty 's e briseadh-dùil mòr a th' ann is iad a' dol sìos chun an Championship 'son a' chiad uair bho sheusan 2018/19.
Tha seo cuideachd a' ciallachadh nach bi ball-coise aig an ìre as àirde air a' Ghàidhealtachd ann an 2025/26.
"Bha sinn ann an suidheachadh làidir is cha robh còir againn a bhith air a leigeil seachad", thuirt Don Cowie.
"Bha Baile Dhùn Lèibhe airidh air thairis air an dà gheama.
"'S ann às an sgìre a tha mi is tha fiosam dè a' bhuaidh a th' ann is tha e goirt.
"Tha Daibhidh Martindale is Baile Dhùn Lèibhe air sealltainn mar as urrainn do sgioba tilleadh air ais suas ann an seusan.
"Am faigh mi an cothrom, 's e tìde a dh'innseas ach tha miann mòr agam sin a dhèanamh".