Rinn dachaigh-cùraim gearan oifigeil mu bhuidheann-riaghlaidh

Làmhan seann duineTùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Dachaigh-cùraim Castlehill a' creidsinn gun deach pròtacal a bhriseadh nuair a bha luchd-sgrùdaidh ann

  • Air fhoillseachadh

Rinn dachaigh-cùraim ann an Inbhir Nis gearan oifigeil ri Buidheann Sgrùdaidh a' Chùraim agus iad a' cumail a-mach gun deach pròtacal a bhriseah nuair a rinneadh sgrùdadh na bu thràithe am-bliadhna.

Chaidh luchd-sgrùdaidh gu Dachaigh-cùraim Castlehill ann an Cradlehall eadar an 27mh den Ghiblean agus an 7mh den Chèitean agus thog iad "draghan mòra" ann an aithisg, taobh a-muigh.

Dh'innis a' bhuidheann-riaghlaidh dhan dachaigh-chùraim gum feum iad piseach a thoirt air cùisean taobh a-staigh seachd seachdainean.

Ach thuirt Dachaigh-cùraim Castlehill gun robh iad "gu math an-fhoiseil" mun doigh san do dh'èirich an suidheachadh.

Thuirt an dachaigh gun robh draghan orra mu "dhìth neo-chlaonachd an sgioba-sgrùdaidh", mar a thuirt iad fhèin.

Thuirt Buidheann Sgrùdaidh a' Chùraim nach canadh iad an còrr.