Solais gan cur dheth nas tràithe sna h-Eileanan Siar

Solas sràideTùs an deilbh, GETTY IMAGES
  • Air fhoillseachadh

Cho-dhùin Comhairle nan Eilean Siar solais sràide sna h-Eileanan a chur dheth uair de thìde nas tràithe airson airgead a shàbhaladh.

Far an tèid na solais dheth aig 11:00f., thèid iad dheth aig 10:00f., ged a bhios corra àite far nach tachair sin, leithid timcheall chalaidhean.

Thug a' Chomhairle rabhadh do dhaoine gur dòcha gum feumadh iad toirds a thoirt leotha ma bhios iad a' coiseachd air an oidhche.

Thèid am poileasaidh a chur an sàs ann an dà earrainn - le solais Leòdhais is na Hearadh gan gluasad dhan phrògramadh ùr eadar an t-Ògmhios 's an t-Iuchar, feadhainn an Uibhist is Bharraigh eadar an Lùnastal is an t-Sultain.

"Dh'fhaodadh nach bi e cho follaiseach tron t-samhradh gu bheil sinn air am poileasaidh seo a chur an sàs," thuirt a' Chomhairle.

"Ach bu chòir gum beachdaich am poball air solais phearsanta a thoirt leotha nam biodh iad a' coiseachd timcheall nan coimhearsnachdan aca an dèidh dhan phrògramadh ùr a bhith air a chur an sàs."