Cùis-lagh an aghaidh fireannaich a tha fo chasaid muirt an Slèite air tòiseachadh
- Air fhoillseachadh
Thòisich cùis-lagh san Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann an aghaidh fireannaich a tha fo chasaid gun do mhuirt e a bhràthair-cèile san Eilean Sgitheanach.
Thathas a' cur às leth Fhionnlaigh Dhòmhnallaich, 41, gun do loisg e le gunna air Iain MacFhionghain, a bha 47, ann an Teanga air an 10mh den Lùnastal 2022.
Tha e cuideachd fo chasaid air an aon là gun do dh'fheuch e ri a bhean, Rowena Dhòmhallach, a mhurt ann an Tarscabhaig, agus gun do dh' fheuch e ri cupal - Fay agus Iain MacCoinnich - a mhurt nan dachaigh san Dòrnaidh air tìr-mòr.
Chuala a' chùirt Diciadain gun tug Mgr Dòmhnallach ionnsaigh-sgèine air a bhean aig an taigh aca air beulaibh an cuid chloinne madainn an là sin agus e an amharas gun robh i a' suirghe le fear eile.
Chaidh innse dhan chùirt gun robh Rowena Dhòmhallach, 34, fo eagal nach robh e a' dol a sgur den ionnsaigh.
Thuirt i gun robh cuimhne aice air am fon aice fhaighinn gus taic a shireadh is gun robh a' chlann ri taobh is i a' fàs nas laige is nas laige.
Thuirt i gun cuala i an duine aice a' dol air ais is air adhart dhan chàr grunn thursan mus do dh'fhalbh e.
Chaidh Rowena Dhòmhnallach a thoirt dhan ospadal le heileacoptair.
Tha Fionnlagh Dòmhnallach a' dol às àicheadh nan casaidean agus tha e air dìon sònraichte a chur air adhart nach robh e aige fhèin.
Tha a' chùis a' leantainn.