Mì-thoileachas am Barraigh nach bi ospadal ùr aca san aithghearrachd

Campas Bharraigh
- Air fhoillseachadh
Tha muinntir Bharraigh gu math mì-thoilichte 's iad air cluinntinn bho Rùnaire na Slàinte nach bi airgead calpa ri fhaighinn san aithghearrachd airson ospadal ùr a thogail air an eilean.
Ann an litir dhan phàipear ionadail, Guth Bharraigh, thuirt Àrd-oifigear Chomhairle nan Eilean Siar, Malcolm Burr, gun robh coinneamh aca le Rùnaire na Slàinte, Mìcheal MacMhathain, na buill-phàrlamaid, Alasdair Allan agus Aonghas Brianan MacNèill, is riochdairean bho dhiofar bhuidhnean ann am Barraigh, 's gun deach innse dhaibh, nach eil airgead-calpa ri fhaighinn airson ospadal ùr an eilein a bha na phàirt de Champas Coimhearsnachd Bharraigh is Bhatarsaigh(BVCC).
A rèir Mhgr Burr, thuirt Rùnaire na Slàinte,
Nach eil airgid calpa ann airson an goireas slàinte
Gur e coimhead air ath-leasachadh thogalaichean an NHS an àite a bhith a' togail ghoireasan ùra a tha fa-near dhaibh
Thèid prìomhachas a thoirt do phròiseactan a tha mar thà air tòiseachadh
Tha a h-uile coltas gun tèid dàil a chur air cuid de phròiseactan, nam measg BVCC
Tha BVCC fhathast air an liosta-obrach, ach tha iad air an liosta còmhla ri pròiseactan calpa eile
Tàmailteach
Thuirt Mgr Burr gun robh seo dìreach tàmailteach agus bhon choinneimh tha iad air a bhith a' feuchainn ri plana ùr a chur air dòigh.
"Tha mi toilichte a ràdh gu bheil an t-ionmhas ann fhathast airson an goireas foghlaim agus dhearbh sinn sin leis an Riaghaltas.
"Tha a' Chomhairle ag iarraidh gun tèid an campas gu lèir air adhart, ach leis a' bhriseadh-dùil a thàinig bho Rùnaire na Slàinte, feumaidh sinn a dhol air adhart leis na goireasan foghlaim aig an ìre seo.

Chaidh am plana airson campas le seirbheisean slàinte, cùraim shòisealta agus foghlaim atharrachadh às dèidh dhraghan sa choimhearsnachd.
Iomagain
Thuirt Cathraiche a' Bhùird air Pròiseact Naoimh Brianan, Seasaidh NicNèill, gur e rud uabhasach a bh' ann agus muinntir an eilein air a bhith a' strì airson ospadail ùir fad 18 bliadhna.
"Tha sinn a-nise air ais far an do thòisich sinn ann an 2007. Aig an àm sin bha luchd-obrach ann an Ospadal Naomh Briannan iomagaineach mu staid an togalaich.
"Bha deuchainnean a' sealltainn nach robh cùisean mar a bu chòir a thaobh slàinte is sàbhailteachd an uairsin.
"Thar nam bliadhnaichean ghluais cùisean beag air bheag agus ann an 2014 bha plana ann airson seirbheisean slàinte agus cùraim shòisealta a bhith cruinn còmhla san aon togalach.
"Anns an Iuchar 2019 bha an Riaghaltas air dearbhadh gun rachadh a' phròiseact air adhart. Ach taobh a-staigh mìos bha conaltradh poblach air campas foghlaim a chur ris", thuirt i.

Dh'fhosgail Ospadal an Naoimh Brianan ann an 1980 agus bho 2008 tha a' choimhearsnachd air a bhith a' strì airson ospadail ùir.
A-rèir Sheasaidh NicNèill cha deach conaltradh ceart a dhèanamh leis a' choimhearsnachd agus bha mòran mì-thoilichte leis a' phlana sin.
"Chaidh plana ùr a dhèanamh a bha a' freagairt air gearainean na coimhearsnachd, agus bha dùil gun tòisicheadh obair as t-Samhradh.
"Tha a' choimhearsnachd a-nise a' faighneachd dè seasamh a tha againn mar eilean ma dhùineas an t-ospadal.
"'S ann againn a tha an àireamh breith as àirde anns na h-Eileanan an Iar, agus tha na teagamhan seo a thaobh an osapadail a' toirt buaidh air teaghlaichean agus iad a' faighneachd am bu chòir dhaibh fuireach no falbh", thuirt i.
Le naidheachd na Rùnaire, tha a h-uile coltas gum bi maill mhòr fhathast air leasachadh sam bith air seirbheisean slàinte an eilein.