£500,000 a bharrachd a dhìth air aiseagan beaga na Gàidhealtachd

Aiseag a' Chorrain
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh maoineachaidh a bharrachd mu choinneimh mar a tha cosgaisean nan seirbheisean aiseig a tha iad a' cuideachadh a ruith san sgìre ag èirigh.

Tha a' Chomhairle a' cumail taic ri sia seirbheisean, aiseag eadar Cromba agus Bàgh an Eig air taobh sear Rois, agus aiseagan beaga a' ceangal choimhearsnachdan air costa Loch Abair nam measg.

Ann an aithisg ùr, tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil connadh, obair-càraidh, luchd-obrach agus cosgaisean teagmhais uile ag èirigh.

Dh'iarr iad air Còmhdhail Alba an tabhartas £1m a bheir iad dhaibh àrdachadh gu £1.5m airson 2025-26.

Thèid an aithisg a chur air beulaibh Comataidh Loch Abair an ath-sheachdain, agus oifigearan ag ràdh innte gu bheileas air freagairt "dhòchasach" fhaighinn bho Chòmhdhail Alba.

Am measg nan aiseagan a bhios a' Chomhairle a' ruith, tha aiseag Inbhir Aoidh, a cheanglas Cnòideart ri Malaig.

Chan fhaighear a Chnòideart ach le bhith a' coiseachd tro na beanntan - turas a bheir dhà no trì làithean.

'S e Aiseag a' Chorrain as trainge de dh'aiseagan na Comhairle, le mu 270,000 càr agus 11,000 carbad coimearsalta ga chleachdadh gach bliadhna airson faighinn a-null thar Chaolas a' Chorrain eadar Àird Ghobhair agus Loch Abar

Tha sin a' seachnadh turas dà uair de thìde air rathad timcheall Loch Iall.

A rèir nam figearan san aithisg, tha cosgaisean ag èirigh air feadh nan sia seirbheisean a tha a' Chomhairle a' ruith no dha bheil iad a' toirt taic.

Tha dùil gun èirich cosgaisean càradh einnseanan bho £326,158 ann an 2014-15 gu £618,000 ann an 2026-27.

Thairis air an aon ùine, tha dùil gun èirich cosgaisean connaidh bho £169,843 gu £264,181.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba san t-Samhain gun deadh £28m a bha air a chomharrachadh airson leasachaidhean a thoirt air rathaidean a chleachdadh airson soitheach ùr a cheannach airson Aiseag a' Chorrain.

Bha dùil an t-airgead sin a chosg air leasachadh a thoirt air cearcall-rathaid an Longman ann an Inbhir Nis, far an ceangal an A82 ris an A9, ach dh'iarr comhairlichean air Riaghaltas na h-Alba prìomhachasan atharrachadh.