Fàilte le faiceall air gealltanas hub Bharraigh is Bhatarsaigh

Bàgh a' Chaisteil
  • Air fhoillseachadh

Leanaidh dragh ann am Barraigh mu na goireasan ùra slàinte agus foghlaim dhan eilean gus an tèid a' chiad spaid dhan talamh, a rèir cheannard Buidheann Dealbhachaidh Ionadail Barraigh 's Bhatarsaigh airson Slàinte agus Cùraim Shòisealta.

Tha fàilte air an naidheachd bho Riaghaltas na h-Alba ge-tà, gu bheil iad a' gealltainn gun tachair am pròiseact, agus iad gu bhith ag obair gus a thoirt gu buil.

Tha tomhas de dh'fhaiceall an lùib an dòchais aca cuideachd ge-tà, le cho fada 's a tha iad air a bhith a' feitheamh.

"Thug e togail mhòr dhan a h-uile duine," thuirt Ceannard na buidhne Maighread Anna Beggs.

"T-sàilleibh tha sinn a' faireachdainn gu bheil sinn air sabaid airson ùine mhòir, agus seo co-dhiù an treasamh, mura h-e an ceathramh triop againn rudan a chluinntinn mu dheidhinn seo.

"Tha sinn an dòchas gum faigh sinn e an triop seo, t-sàilleibh tha seo cho riatanach.

"A h-uile pìos dheth - an sgoil, an t-ospadal agus an t-àite airson nan seann daoine.

"Tha sinn cho dòchasach 's as urrainn a bhith, agus tha sinn dìreach a' smaoineachadh 'chan urrainn dhaibh a thoirt bhuainn a-rithist'."

Le taghadh gu bhith ann airson Pàrlamaid na h-Alba an ceann bliadhna ge-tà, tha ceist fhathast air a' bhuidhinn an tachair e.

"Tha an t-eagal sin oirnn," thuirt Ms Beggs.

"Gus an tèid a' chiad spaid dhan talamh air a' phròiseact sin bidh an t-eagal oirnn."