Buidheann ùr an Gleann Fhionnainn

Gleann FhionnainnTùs an deilbh, Chris Morgan/Geograph
  • Air fhoillseachadh

Chaidh buidheann-gnìomha ùr a stèidheachadh ann an Gleann Fhionnainn airson dèiligeadh ris na h-àireamhan mòra de luchd-turais a tha a' tadhal air an àite.

Tha tomhas ann gu bheil suas ri 500,000 duine a' tadhal air an sgìre gach bliadhna is tha dùil gun èirich àireamhan tuilleadh anns na bliadhnaichean ri thighinn.

Tha diofar bhuidhnean a-nis air tighinn ri chèile gus slighe air adhart a dhealbh, is riochdairean bho Chomhairle na Gàidhealtachd, VisitScotland, Poileas Alba, is buidhnean còmhdhail am measg na bha an làthair, còmhla ris a' choimhearsnachd fhèin.

'S i BPA na sgìre, Ceit Fhoirbeis, a bha sa chathair aig a' choinneimh.

Tha Ingrid NicEanraig a' fuireach san sgìre is tha i na ball den bhuidhinn ùir.

"'S e am prìomh rud dìreach gu bheil cus luchd-turais a' tighinn dhan bhaile againn, tha am baile againn gu math beag.

Cothrom math

"An luchd-turais a th' againn, tha iad a' tighinn aig an aon àm. Tha an trèana smùid a' dol thairis air an drochaid mhòir ceithir tursan gach là is tha iad uile a' tighinn aig an aon àm airson dealbh a thogail is an uairsin tha iad a' falbh.

"'S e cothrom math a tha seo ma tha luchd-turais ag iarraidh tighinn, ach ciamar a tha sinn a' dèiligeadh ris na h-àireamhan seo?"

Chaidh grunn mholaidhean a chur air adhart aig a' choinneimh, nam measg barrachd loidhnichean air an rathad is tuilleadh ghoireasan do luchd-turais.

Thuirt Ingrid gu bheil feum air tuilleadh sgrùdaidh sa chiad dol a-mach is i ag ràdh gum bi co-obrachadh fìor chudromach.

"Tha feum againn air barrachd rannsachaidh air cò tha tighinn dhan bhaile seo, dè cho fada 's a tha iad a' fuireach, ciamar a tha sinn a' dèanamh barrachd sa bhaile agus a' cumail grèim air an luchd-turais airson fuireach an seo 'son dinneir, no a' dol sìos dhan loch.

"'S e am prìomh rud a th' againn ri dhèanamh 's e barrachd rannsachaidh. 'S dòcha gum bi a' choimhearsnachd ga stiùireadh ach le cuideachadh bho na buidhnean seo", thuirt i