Fhuaireadh tuathanas-cainb am meadhan Inbhir Pheofharain

Thuirt na poilis gun do chuir iad fir aois 22 agus 31 an grèim ann an Inbhir Pheofharain
- Air fhoillseachadh
Chaidh dithis fhireannach a chur an grèim an dèidh mar a fhuaireadh tuathanas-cainb air an Àrd-Shràid ann an Inbhir Pheofharain.
Thuirt Poileas Alba gun do rinn oifigearan rèid le barantas air an togalach am meadhan a' bhaile aig mu 4:30f Diciadain.
Thuirt neach-labhairt gun robh na fir, aois 31 agus 22, air an cur an grèim agus fo chasaid.
Tha dùil gun nochd iad sa chùirt fhathast.
Fhuair na poilis tuathanas-cainb eile Diciadain, ann an togalach falamh air Sràid Girnigoe ann an Inbhir Ùige.
Thuirt iad gu bheil an sgrùdadh a' leantainn.