Fàilte mhòr air aithisg Sir Lewis Ritchie
- Air fhoillseachadh
![Luchd-iomairt](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/976/cpsprodpb/D48D/production/_101231445_p066lkyq.jpg)
Bha strì ann an aghaidh phlanaichean NHS na Gàidhealtachd.
Chuir luchd-iomairt ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich fàilte mhòr air modal ùr 'son seirbheis na slàinte san sgìre.
Bha mì-thoileachas mòr mu na planaichean a bha NHS na Gàidhealtachd a' cur air adhart bho thùs.
Bha luchd-iomairt den bheachd gum biodh seirbheisean slàinte ann an ceann a tuath an eilein air an lùghdachadh fo na planaichean, is seirbheisean gu bhith air an gearradh ann am Port Rìgh is ospadal ùr dhan Eilean Sgitheanach, Loch Aillse 's Iar-Dheas Rois gu bhith air a thogail anns an Ath Leathann.
Dh'iarr am bòrd-slàinte an uairsin air Sir Lewis Ritchie rannsachadh a dhèanamh mun chùis.
Tha iad a-nise air aontachadh gabhail ris na molaidhean air fad a chur Sir Lewis air adhart.
Èiginneach
Nam measg 's e gun tèid seirbheisean èiginneach taobh a-muigh nan uairean obrach àbhaisteach a ghlèidheadh aig Ospdal Phort Rìgh a là 's a dh'oidhche.
Cumaidh Seirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba is NHS 24 taic ris an t-seirbheis sin, is dh'iarr Sir Lewis gum bu chòir seirbheisean Seirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba a leasachadh mu choinneimh sin.
Mhol e cuideachd gun obraich NHS 24 le NHS na Gàidhealtachd gus sgioba de dh'eòlaichean a stèidheachadh aig Ospadal Phort Rìgh.
Thuirt e cuideachd gum bu chòir leapannan a chumail ann ann Ospadal Phort Rìgh gus am bi e follaiseach gu bheil cùram eile ann an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich do dh'euslaintich a tha feumach air na leapannan sin.
Bha Màiri Anna NicPhàrlain bho Chomhairle Choimhearsnachd Sgeitheaboist aig coinneimh Dimàirt eadar Sir Lewis Ritchie is riochdairean ionadail.
Toileachas
Thuirt i gur e "naidheachd mhath dha-rìribh" a th' anns an aithisg.
"Tha a' chuid as motha den t-sluagh ann an ceann a tuath an eilein. Baile Phort Rìgh, 's e baile mòr a th' ann a-nise agus tha e gu math feumail gum bi seirbheisean freagarrach againn ann an ceann a tuath an eilein", thuirt Màiri Anna.
"Cha robh mise a-riamh an aghaidh ospadail ùir anns an Ath-Leathann, bha mi a' canail sin bhon toiseach, ach gun cumadh sinn na seirbheisean ann an ceann a tuath an eilein.
"Bha sin uabhasach deatamach gum biodh sin againn, gu h-àraidh airson seann daoine is daoine nach urrainn gluasad cho fada", thuirt i
Thuirt Sir Lewis Ritchie fhèin gum feum gach taobh a-nise gluasad air adhart leis a' phlana a th' ann.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 An Cèitean 2018