Atharrachaidhean ri planaichean slàinte

  • Air fhoillseachadh
Ospadal Phort RìghTùs an deilbh, Geograph/Richard Dorrell

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun atharraich iad na planaichean aca airson seirbheisean slàinte san Eilean Sgitheanach às dèidh aithisg ùir mun chùis.

Dh'iarr am bòrd-slàinte air Sir Lewis Ritchie rannsachadh a dhèanamh is draghan air nochdadh ann an ceann a tuath an eilein mu sheirbheis na slàinte.

Tha luchd-iomairt den bheachd gu bheil seirbheisean gus crìonadh mar phàirt de structar ùr.

Mar phàirt den t-structar sin, bidh ospadal ùr dhan Eilean Sgitheanach, Loch Aillse 's an Iar-Dheas Rois anns an Ath Leathann, is dragh air luchd-iomairt gun tèid seirbheisean a chall ann an ceann a tuath an eilein.

Tha Sir Lewis Ritchie a-nise air moladh gun tèid seirbheisean èiginneach taobh a-muigh nan uairean obrach àbhaisteach a ghlèidheadh aig Ospdal Phort Rìgh a là 's a dh'oidhche.

Chuireadh Seirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba is NHS 24 taic ris a' mhodal seo, is dh'iarr Sir Lewis gum bu chòir seirbheisean Seirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba a leasachadh mu choinneimh sin.

Dh'obraicheadh NHS 24 le NHS na Gàidhealtachd gus sgioba de dh'eòlaichean a stèidheachadh aig Ospadal Phort Rìgh.

Teicneòlas

Dh'fhaodadh iad sin, leis an teicneòlas a bhios air a chleachdadh, taic a thoirt do dhaoine air feadh na h-Alba.

Thuirt e cuideachd gum bu chòir leapannan a chumail ann ann Ospadal Phort Rìgh gus am bi e follaiseach gu bheil cùram eile ann an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich do dh'euslaintich a tha feumach air na leapannan sin.

Thuirt e nuair a thig an t-atharrachadh sin thar ùine, gum bu chòir a dhèanamh tro cho-obrachadh leis a' choimhearsnachd.

Dh'innis NHS na Gàidhealtachd gun gabh iad ris na molaidhean air fad.

Thuirt cathraiche na buidhne, Dàibhidh Alston, gun gluais iad air adhart cho luath 's a ghabhas gus tuigse fhaighinn air mar a ghabhas an cur an sàs.

Chuir BP na sgìre fàilte air an naidheachd, is dh'iarr e gun tèid na molaidhean a chur an sàs san aithghearrachd.

Dh'innis Iain Blackford gun robh e follaiseach bho thùs gun robh muinntir chinn a tuath an Eilein Sgitheanaich den bheachd gun robh seirbheisean gu bhith ro fhada air falbh bhuapa fo mholaidhean a' bhùird-shlàinte.

Thuirt e gur e tàmailt a bh' ann gun tug e cho fada do NHS na Gàidhealtachd sin a thuigsinn, is gum bu chòir dhaibh leisgeul a thabhainn air muinntir na sgìre.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh