CnES gun co-dhùnadh mu chìs turasachd
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh nach eil iad air tighinn gu co-dhùnadh a thaobh am bu chòir, neo nach bu chòir, cìs turasachd a stèidheachadh.
Sgrìobh an t-ùghdarras ionadail litir gu Comataidh a' Chultair agus na Turasachd aig Pàrlamaid na h-Alba, a bha a' coinneachadh Diardaoin gus beachdachadh air cìs turasachd.
Chuala a' chomataidh beachd bho Fhear-Gairm Chomhairle na Gàidhealtachd, Bill Lobban, is esan ag ràdh nach biodh droch bhuaidh air gnìomhachas na turasachd, is gun dèanadh cìs feum ann an dòighean eile.
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar nach eil iad air tighinn gu co-dhùnadh mun chìs aig an ìre seo agus gum feumar dearbhadh gu bheil iarrtas ann airson a leithid, a bharrachd air a' chosgais a bhiodh na lùib.
Thuirt iad ge-tà, gum bu chòir smachd a thoirt dha na h-ùghdarrasan ionadail air a' chìs, nam biodh e air a stèidheachadh.
Damaiste air gnìomhachas?
Thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gu bheil deasbad agus còmhradh ri dhèanamh mun chìs.
''Bha sinn dìreach airson prionnsabal a stèidheachadh gum bu chòir smachd air choireigin a bhith air aig ìre ionadail air am bi cìs ga leigeil air luchd-turais agus dè an ìre aig am biodh a' chìs sin.
''Anns a' chiad àite bhiodh sinn airson 's nach deadh cron sam bith a dhèanamh air a' ghnìomhachas a tha a' sìor fhàs sna h-eileanan agus cha bhiodh sinn airson cnapan-starra fhaicinn a' tighinn a-steach a chuireadh bacadh air sin.
''Tha daoine a tha an sàs anns a' ghnìomhachas a' meas gu bheil iad mar thà a' pàigheadh gu leòr ann an cìsean co-dhiù tro chìsean gnìomhachais, tro theachd a-steach agus tuarastalan 's iad a' faicinn gu bheil cosgais ga leigeil air daoine a tha a' tighinn a-mach is a-steach às na h-eileanan, an dà chuid luchd-turais neo daoine a tha dìreach a' tadhal ann,'' thuirt e.
Thuirt Mgr Dòmhnallach gum bu chòir coimhead air mar a dheadh cìs turasachd a chosg gu h-ionadail tro phlana ghnìomhachas.
''Chan eil mi a' smaoineachadh gum bu chòir a bhith a' coimhead aig an ìre seo ri cìs a leigeil tarsainn air Alba air fad. Tha mi a' smaoineachadh gum faodadh sin a bhith gu math duilich airson cuid a sgìrean agus gun dèanadh e damaiste air a' ghnìomhachas a tha cho cudromach, gu h-àraidh air sgìrean eileanach mar a tha sinn fhìn,'' thuirt e.