Nì eòlaichean sgrùdadh comais air cìs turasachd ann an sgìrean eileanach
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairlean nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh agus Comhairle Shealtainn air companaidh fhastadh a bhios a' coimhead air molaidhean cìs turasachd a thoirt a-steach anns gach sgìre.
'S e Urban Foresight a choisinn an cùmhnant agus tòisichidh an sgioba aca air an obair an t-seachdain seo.
Aig coinneimh san Lùnastal an-uiridh, dh'aontaich buill Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar plana nas mionaidiche ullachadh air Cìs Turasachd sna h-Eileanan an Iar.
Tha iad a' moladh gum pàigh luchd-tadhail 5% a bharrachd air àitichean-fuirich.
Thèid beachdan a shireadh bho na coimhearsnachdan, luchd-gnothachais turasachd agus buidhnean eile feuch de a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith an cois leithid de sgeama agus dè seòrsa sgeama a bu chòir a bhith ann ma thèid gabhail ris.
Thèid toradh an sgrùdaidh-chomais a chur air beulaibh buill Comhairle nan Eilean Siar mus dèan iad co-dhùnadh air am bu chòir a' chìs a chur an sàs cleas mar a rinn ùghdarrasan ionadail eile.
Bhòt Comhairle Bhaile Dhùn Èideann bho chionn ghoirid cìs turasachd a chur an sàs sa bhaile, a thig a-steach an ath-bhliadhna.
Thog daoine le dragh mu mholadh a' chìs a stèidheachadh an sgìre Comhairle na Gaidhealtachd fianais o chionn ghoirid.
- Air fhoillseachadh20 An t-Samhain 2024