Ola is gas: Buaidh no bàs?

Mìcheal MacNèill
  • Air fhoillseachadh

Cho-dhùin Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann gun deach ceadan a thoirt seachad airson dà raon-ola is gas a leasachadh an Alba gu mì-laghail.

Bha luchd-iomairt na h-àrainneachd air dùbhlan laghail a thogail an aghaidh nan ceadan airson raointean Rosebank an iar air Sealtainn, agus Jackdaw an ear air Obar Dheathain, agus iad ag ràdh gun robh iad an aghaidh an lagha.

Thuirt am Britheamh, am Morair Ericht, gun robh e mì-laghail gun deach cead a thoirt gun a bhith a' beachdachadh air a' bhuaidh a bheireadh a bhith a' losgadh a' chonnaidh a thigeadh àsta air an àrainneachd, agus gum feum na companaidhean Shell, Equinor agus Ithaca a-niste a dhol air ais gu Riaghaltas Bhreatainn agus riaghladair a' chumhachd Ofgem, a shireadh cead às ùr.

Tha am fear-naidheachd poileataigeach againn, Mìcheal MacNèill, air a bhith a' meòrachadh air càite bheil seo a' fàgail chùisean.

Clàr-olaTùs an deilbh, PA Media

Bha dùil gur e seo a thachradh agus gur ann le buidhnean iomairt na h-àrainneachd a rachadh an là às dèidh dhaibh a dhol a dh'ionnsaigh Cùirt an t-Seisein mu cheadan cladhaich ola is gas ann an raointean Rosebank agus Jackdaw.

Bha dùil ris air sàilleabh 's gun do dh'aidich na companaidhean leis a bheil an dà raon roimhe gun robh an cead-tollaidh a fhuair iad mì-laghail.

A dh'aindeoin sin, 's e buille chruaidh a bhios ann dha na dearbh chompanaidhean sin gu bheil Cùirt an t-Seisein air a dhol nan aghaidh agus nach eil an cead a fhuair iad a' seasamh.

Chan e a-mhàin sin, ach nach fhaigh iad ceadan cladhaich ùra gus an tèid measaidhean nas fharsainge a dhèanamh air a' bhuaidh a dh'fhaodadh an obair anns am bi iad an sàs a thoirt air an àrainneachd.

Tha na companaidhean ola, tron bhuidhinn a bhios gan riochdachadh, Offshore Energies UK, ag ràdh gu bheil iad a' cur fàilte air an naidheachd, agus gu bheil breith na cùirte a' leigeil leotha cumail orra le bhith a' leasachadh nam pròiseactan ged nach bi cead-tollaidh aca gus an tèid na measaidhean ùra a' dhèanamh.

Luchd-iomairt na h-àrainneachd

Is dòcha gum bi cuimhne agaibh gun do chruinnich an luchd-iomairt taobh a-muigh na cùirte ann an Dùn Èideann san t-Samhain an-uiridh 's iad a' togail fianais mun chùis.

Bha iad airson sealltainn cho làidir 's a bha iad a' faireachdainn - gun robh cron uabhasach an impis a bhith air a dhèanamh air an àrainneachd agus gum feumte stad a chur sa bhad air na raointean seo a bhith gan leasachadh a dh'aindeoin 's gun robh an obair sin air tòiseachdainn.

Ged a thuirt na companaidhean leis a bheil Rosebank agus Jackdaw gun robh e mar sin ro fhadalach an co-dhùnadh atharrachadh, cha do dh'aontaich Cùirt an t-Seisein leotha.

Cha do shoirbhich na bu mhotha le argamaidnean nan companaidhean cumhachd gu bheil an dà phròiseact air leth cudromach do thèarainteachd connaidh na Rìoghachd Aonaichte.

Saoilidh mi gu bheil seo fada bho bhith seachad ge-tà, oir tha an deasbad seo a' leantainn mu thèarainteachd chumhachd, leis a' Gheamhradh fhathast oirnn agus ùidh mhòr aig daoine cò às a tha an connadh a tha iad a' cleachdadh a' tighinn.

Sin a bharrachd air a' bhuaidh a bhios aige air an àrainneachd agus a' chosgais a bhios e a' cur orra.

Luchd-iomairtTùs an deilbh, PA Media

Tha sinn a' faicinn gu bheil àrd-neach-iomairt Greepeace san Rìoghachd Aonaichte, Philip Evans, ag ràdh gur e deireadh linne a tha seo do riaghaltasan a bhith a' toirt cead-tollaidh seachad gun measadh coileanta a dhèanamh air a' bhuaidh a bhios aige air an àrainneachd.

Thuirt e cuideachd gu bheil connaidhean-fosail aig deireadh slighe gu h-eaconomach.

Tha e doirbh sin a chreidsinn le eaconamaidhean air feadh an t-saoghail a' strì an ceart-uair gus fàs a thoirt orra fhèin agus targaidean airson Net Zero gan sìor chur air ais le riaghaltasan air feadh an t-saoghail.

Chan ruigear a leas ach coimhead ris na tha a' tachairt anns na Stàitean Aonaichte, far a bheil an Ceann-Suidhe ùr air diùltadh gabhail ri argamaidean mu atharrachadh na gnàth-shìde agus e air tarraing a-mach à Aonta Pharis.

'Ola is gas cudromach fad bhliadhnaichean'

Thuirt am Prìomh Mhinistear Iain Swinney roimhe gum bi feum air ola agus gas airson greis fhathast gus an dùthaich a chuideachadh ann a bhith a' gluasad gu targaidean Net Zero ron bhliadhna 2045.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air cha mhòr an aon rud a ràdh.

Tha Greenpeace fhèin ag aideachadh gu bheil cumhachd bho dhòighean ath-nuadhachail air a dhlùth-cheangal ris an eaconomaidh, agus thuirt Àrd-oifigear Offshore Energies UK, David Whitehouse, gu bheil ola luach còrr math 's £200bn fhathast fon mhuir mu thimcheall na Rìoghachd Aonaichte.

Tha sin fhèin na dhearbhadh air nach e seo deireadh slighe a thaobh cò aige a tha an guth as treasa agus an cumhachd san deasbad seo.