"Àm duilich, dòrainneach, sàraichte" - sgaradh san Eaglais Shaoir an 2000
- Air fhoillseachadh
Tha 25 bliadhna ann bhon bha sgaradh mòr ann an Eaglais Shaor na h-Alba.
San Fhaoilleach 2000 dh'fhàg còrr is 22 ministearan agus còrr is 1,000 neach na h-eaglaise agus chaidh an Eaglais Shaor Leantainneach (FCC) a stèidheachadh.
Bha iad mì-thoilichte leis an dòigh san do dhèilig an eaglais le na casaidean de mhì-ghiùlain feiseil an aghaidh prìonnsabal Colaiste Diadhachd na h-Eaglaise Saoire, an t-Ollamh Dòmhnall MacLeòid nach maireann.
Fhuaireadh neo-chiontach e ann an cùirt shìobhalta ann an 1996, ach bha cuid ag iarraidh gun seasadh e air beulaibh chùirtean na h-eaglaise.
Nuair nach deach gabhail ris an iarrtas choisich iad a-mach às a' choinneimh agus air falbh bhon Eaglais Shaoir.
Nam measg bha an t-Urramach Murchadh Aonghas MacLeòid a bha na mhinistear san t-Òb.
"Bha an suidheachadh duilich, ach tha e a-nise gu ìre mar aisling a' coimhead air ais," dh'innis e do BhBC Naidheachdan.
Aig àm an sgaraidh cha robh e ach 30 bliadhna de dh'aois, pòsta le dithis chloinne, agus bha dùil aige gum biodh aige ri obair ùr fhaighinn.
Cha b' e sin a thachair an dèidh do chuibhreann den choitheanal dealachadh cuideachd agus iarraidh air fuireach còmhla riutha.
An-diugh, tha e na mhinistear san Eaglais Shaoir Leantainnich ann an Snìosart san Eilean Sgitheanach.
"Chan urrainn dhuinn ach a' coimhead air ais le doilgheas," thuirt e.
"'S e àm duilich, 's e àm dòrainneach, 's e àm sàraichte a bh' ann.
"Tha sinn a' comharrachadh gun deach 25 bliadhna seachad ach chan eil gàirdeachas sam bith a' coimhead air ais."
"'S e suidheachadh uabhasach duilich dhomh a bhith ag aithris oir bha mi eòlach agus faisg air daoine bho gach taobh," thuirt an t-Urramach Alasdair MacAmhlaigh.
Tha e an-diugh na mhinistear san Eaglais Shaoir, ach aig àm an dealachaidh bha e e ag obair na fhear-naidheachd do BBC Radio nan Gàidheal.
Thòisich an trèanadh aige mu 10 bliadhna an dèidh sin agus tha e ag ràdh gun robh "beagan sìthe agus na h-uiread de rèite air thighinn dhan eaglais".
"Ach dh'fhàg e làraichean domhain agus tha mi an dòchas agus gu bheil a' chuid mhòr aca sin air slànachadh gu seo."
Ach tha mar a thachair bho chionn 25 bliadhna na "adhbhar bròin chun an là an-diugh" don Urramach Murchadh Aonghas MacLeòid.
"Bha na freumhaichean agam glè dhomhain san Eaglais Shaoir, agus bha dàimh agus ceangal agam.
"Ach dh'fhairich sinne gun robh freasdal a' Chruthaichear air an t-slighe a dhùnadh a-steach oirnn an leithid a dhòigh agus nach robh mòran roghainn againn sa chùis," mhìnich e.
San là a th' ann tha cùisean nas rèidhe eadar an dà thaobh an cuid de dh'àiteachan.
Ach thug e ùine mhòr faighinn chun na h-ìre sin agus ceistean rin rèiteach - uaireannan sa chùirt agus le na poilis a bhith air an gairm - mu cò leis a bha eaglaisean agus mansaichean na h-Eaglaise Saoire.
Am Baile Dhubhthaich far a bheil an t-Urramach MacAmhlaigh na mhinistear tha iad a' dol gu seirbheisean a chèile.
"Tha gu leòr as aithne dhomhsa air a bheil aithricheas, air gach taobh, agus gu math duilich gun tàinig e chun an sin.
"Bha na beachdan cho toinnte agus bha a' chùis cho guineach agus cha b' urrainn cumail a' dol mar a bha.
"Nam b' urrainn a bhith air a rèiteach aig an àm sin bhiodh sin tòrr mòr na b' fheàrr ach dh'fhaillich air a h-uile oidhirp a chaidh a dhèanamh agus cha robh roghainn eile ann an uairsin."