Ceòlas a' comharrachadh 30 bliadhna on bha a' chiad sgoil shamhraidh aca

- Air fhoillseachadh
Nuair a thòisch Ceòlas an Uibhist a Deas bho chionn 30 bliadhna cha robh ann ach sgoil shamhraidh fad seachdain.
Bidh còrr is 100 duine a-nis a' dol gu Ceòlas a h-uile samhradh airson oideachadh ann an Gàidhlig, dannsa, ceòl agus seinn sa choimhearsnachd.
Ach tha fàs air tighinn air an obair aca agus an-diugh 's e Ceòlas aon de na prìomh bhuidheann ealain an Alba a tha a' cur air adhart cànan agus cultar nan Gàidheal.
Bidh cèilidh mhòr aca air an deireadh-sheachdain aig Fèis Celtic Connections ann an Glaschu a' comharrachadh na slighe agus na clach-mhìle seo.

Tha dùil gum bi an leudachadh air togalach Cheòlais ann an Dalabrog deiseil as t-earrach an ath-bhliadhna
Tha daoine an-diugh air am fastadh làn-ùine le Ceòlas agus tha togalach ùr aig a' bhuidhinn, Cnoc Soilleir, ann an Dalabrog.
Tha Shona Mhoireasdan ag obair mar Oifigear Foghlaim Gàidhlig aig Ceòlas.
"Chanainn gur e a' choimhearsnachd agus an t-àite ann an Uibhist a Deas a tha air a dhèanamh cho soirbheachail thairis air na bliadhnaichean.
"Tha e a' sealltainn cho cudromach 's a tha àiteachan leithid Uibhist san fharsaingeachd airson a' Ghàidhlig agus an cultar a chumail beò mar a tha i an sin gu nàdarra bho là gu là," thuirt i.

Bidh Iain Dòmhnallach agus Màiri NicAonghais am measg na bhios a' nochdadh air an àrd-ùrlar aig Celtic Connections air an deireadh-sheachdain
Tha Ceòlas ag obair còmhla ri na coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Canada gus na ceanglaichean a th' ann eadar na daoine, an cànan agus an cultar a neartachadh.
Thàinig Coinneach MacCoinnich à Màbu ann an Ceap Breatainn airson pàirt a ghabhail sa chuirm.
"Tha e uabhasach math dhuinne ann an Ceap Breatainn gu bheil sinn a' faicinn coimhearsnachd a tha cho làidir sa Ghàidhlig agus gu bheil ceanglaichean eadar an cànan, an cultar agus an ceòl."

Thug aon de stiùirichean Cheòlais, Seònaidh Mac an t-Saoir, taing do mhuinntir Uibhist airson an taic thar nam bliadhnaichean
Tha Ceòlas air soirbheachadh gu mòr ann an 30 bliadhna agus tha dòchas ann gun tig fàs a bharrachd air a' bhuidhinn fhathast.
Thug Seonaidh Mac an t-Saoir, aon de bhuill bhòrd-stiùiridh Cheòlais, taing dhan choimhearsanchd airson an taic a tha iad a' toirt dhaibh.
Thuirt e: "Tha sinn airson ceòl math agus deagh Ghàidhlig a thoirt dhaibh agus mura h-eil a' choimhearsnachd an Uibhist còmhla rinn cha bhi Ceòlas ann."
Bidh an 30mh Sgoil Shamhraidh aig Ceòlas am-bliadhna agus faodar a-nis cur a-steach airson àite.
'S e an ath chlach-mhìle mhòr aca nuair a dh'fhosglas an dàrna ìre de Choc Soilleir as t-Earrach 2026.