Sreath thachartasan mar chuimhne air "Sàr-Ghàidheal" Dhùn Èideann

Iain MacLeòid, nach maireann
Fo-thiotal an deilbh,

Thathar a' cuimhneachadh air Iain MacLeòid airson na rinn e airson a' Ghàidhlig a chur air adhart am prìomh-bhaile na h-Alba

  • Air fhoillseachadh

Bidh sreath thachartasan am-bliadhna ann an Dùn Èideann mar urram do Leòdhsach a rinn a dhachaigh sa bhaile agus a bha gu mòr an sàs ann a bhith a' cur air adhart na Gàidhlig ann.

Dh'ath-stèidhich Iain MacLeòid, nach maireann, meur Dhùn Èideann den Chomunn Ghàidhealach ann an 1996, agus chaidh duais "Sàr-Ghàidheal" a bhuileachadh air le Sabhal Mòr Ostaig ann an 2017 airson na rinn e a chùm leasachadh na Gàidhlig.

Bha e mu dheireadh na Cheann-suidhe air a' Chomunn agus, an dèidh a bhàis ann an 2019, stèidhich a' bhuidheann Òraid Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid.

Bidh òraid na bliadhna seo ga toirt seachad Diardaoin leis an t-seinneadair Donnchadh MacLeòid a thug ceum a-mach ann an Ceiltis o chionn ghoirid aig Oilthigh Dhùn Èideann.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Oifigear Conaltraidh a' Chomuinn, Coinneach Combe, a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diciadain

'S e tiotal na h-òraide aige: Beachd a' Chànanaiche - Dè tha crìonadh cànain ag innse dhuinn mun Ghàidhlig.

A bharrachd air an òraid fhèin am-bliadhna, tha an Comunn ag obair còmhla ri Oilthigh Dhùn Èideann airson tachartasan eile leithid dannsa Gàidhealach, cuairt gu Cladh Dean far a bheil Gàidheil ainmeil air an tiodhlacadh agus bùth-obrach sgrìobhaidh a chur air dòigh.

Bidh cuideachd còmhradh panail ann mu Bhile nan Cànanan Albannach a thug inbhe oifigeil dhan Ghàidhlig agus Albais an Alba ann an 2023.

Bidh am prògram a' tòiseachadh Diardaoin agus a' dol gu Là na Sàbaid an 2na den Ghearran.

Chìthear an clàr-ama an seo air làrach-lìnn a' Chomuinn Ghàidhealaich. , taobh a-muigh