Dòchas agus draghan mu phlana CnES gus connadh a dhèanamh à sgudal

Sgudal
  • Air fhoillseachadh

Nochd buidheann ghlèidhteachais dragh mu phlanaichean ùra Comhairle nan Eilean Siar 'son dèiligeadh le truilleis an Uibhist is Bharraigh nach gabh ath-chuairteachadh.

Dh'innis a' Chomhairle aig deireadh na bliadhna an-uiridh gun robhar air pròiseact ùr a chur air dòigh gus sgudal a thionndadh gu connadh.

Thathas ag ràdh gun toireadh seo lùghdachadh air na thathas a' giùlan de sgudal a Steòrnabhagh, rud a bhiodh na bhuannachd dhan bhuidseat aca agus dhan àrainneachd.

Tha Friends of the Earth Scotland air teagamh a thogail mun phlana ge-tà, agus iad ag ràdh gum fàg seo na h-Eileanan an Iar air an "glasadh" ann a bhith a' cruthachadh eimiseanan millteach.

An-dràsta, tha sgudal dachaigh agus coimeirsealta às Uibhist agus Bharraigh ga thoirt dhan òtrach air iomall Steòrnabhaigh còrr is 90 mìle air falbh.

Bho thoiseach na h-ath-bhliadhna ge-tà, bidh sgudal bith-chnàmhach air a chasg bho bhith air a thiodhlacadh.

Dh'fhàg sin Comhairle nan Eilean Siar feumach air fuasgladh ùr a lorg.

A-nise, tha a' Chomhairle ag obair leis a' chompanaidh bith-theicneòlas Advetec ann am pròiseact luach £1.2m agus a mhaireas ochd bliadhna.

Mar phàirt den sin, thèid inneal ùr a stèidheachadh aig ionad-sgudail an ùghdarrais ionadail ann am Beinn na Faoghla. Bidh an t-inneal sin comasach air sgudal a thionndadh gu SRF - connadh air a bheil an t-ainm Solid Recovered Fuel.

Pòl Steele
Fo-thiotal an deilbh,

Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, An Comh Pòl Steele

Mar as trice, tha SRF air a chleachdadh an àite chonnaidhean fosail - a leithid guail.

Thathar an dùil gun tèid an teicneòlas a chur an sàs ro dheireadh na bliadhna le dòchas ann 10 tunnaichean de sgudal san là a thionndadh gu SRF.

"An rud as tarraingiche mu dheidhinn dhuinne, 's e gun tèid againn air stad a chur air sgudal a chur gu eileanan eile, ach cuideachd gun tèid againn air lùghdachadh a thoirt air an ìre de charbon dà-ogsaid, agus gum bi sinn a' cruthachadh connadh a tha air ath-chuairteachadh," thuirt ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Pòl Steele.

"Tha buannachd ionmhais ann cuideachd le nas lugha a chosg air a bhith a' giùlan an sgudail cho fada, agus gun seachainn sinn càin sam bith nuair a thig an casg an ath-bhliadhna."

'S iad Advetec fhèin a tha air an t-inneal ùr seo a chruthachadh.

Mhìnich an t-àrd-oifigear aca Lee Knott mar a tha e ag obair: "Smaoinich air bogsa-stòraidh a gheibhear air bàtaichean mòra bathair. Tha e mar sin."

"Tha an sgudal air a thoirt às an làraidh, agus air a chur tro inneal gus a stialladh às a chèile.

Sgudal

"Thèid e an uairsin a-steach dhan t-soitheach mhòr còmhla ris na biastagan againn agus thèid a bhristeadh sìos."

"Tha an stuth a thig a-mach air a' cheann eile tioram agus coltas clòimheach air, agus tha e loma-làn cumhachd."

'S e am plana gun tèid an stuth a tha sin an uairsin a losgadh le teas agus cumhachd a tighinn às.

Ach tha sin air dragh a chur air Friends of the Earth Scotland.

"Leis a' cho-dhunadh seo, thèid na h-Eileanan an Iar a ghlasadh ann an siostam a tha a' cruthachadh truailleadh agus emiseanan milllteach gun fheum," thuirt Kim Pratt, a tha na neach-iomart dhaibh.

"Tha cruthachadh SRF a' ciallachadh gun tèid an sgudal sin - plastaig na mheasg - a losgadh.

"Nuair a thèid plastaig a losgadh, tha emiseanan carbon air an leigeil ma sgaoil, rud a tha a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.

"Bu chòir barrachd comhairle a bhith ann bho Riaghaltas na h-Alba do dh'ùghdarrasan ionadal air ciamar as urrainn dhan leithid Comhairle nan Eilean Siar tuilleadh ath-chleachdadh agus ath-chuairteachadh a dhèanamh.

"Bhiodh seo na b' fheàrr do shlàinte mhuinntir na sgìre agus dhan phlanaid," thuirt i.

Sgudal

Ged a tha Còmhairle nan Eilean Siar a' tuigsinn an uallaich a th' air cuid, tha iad ag ràdh gur e seo an fhreagairt as fheàrr airson na sgìre an-dràsta - agus gur e freagairt nas fheàrr a th' ann an coimeas ris an dòigh a tha iad air a bhith a' dèiligeadh ri sgudal thar nam bliadhnaichean a dh'fhalbh.

Thathas cuideachd a' coimhead air adhart ris na buannachdan a thig an cois a' phròiseict - buannachdan nach beag am beachd Lee Knott aig Advetec.

"Ma smaoinicheas tu an-dràsta, shàbhaladh luach dà làraidh de sgudal bhon taigh agadsa aon làraidh làn guail bho bhith air a losgadh. Tha e cho math sin."

"An rud a tha am pròiseas seo a' dèanamh, 's e bhith a' cruthachadh rud a ghabhas cleachdadh an àite guail."

"Chan e freagairt a tha cho ceart ri ceart a th' ann, ach ma tha sinn a' cruthachadh sgudail, feumaidh sinn dèiligeadh leis, agus seo an dòigh as fheàrr dèiligeadh leis an-diugh."

UidheamhachdTùs an deilbh, Advetec

Leis nach eil an t-inneal an sàs fhathast, dh'fhaodadh gum bi greis ann mus tèid faicinn ciamar a dh'obraicheas e ann an da-rìribh.

Nuair a thachras sin, chithear dè dìreach na buannachdan a thig às don àrainneachd agus don Chomhairle - ged nach iad a-mhàin a tha a' coimhead air adhart ris, a rèir Phòl Steele.

"Gu h-annasach, aon de na ciad bheachdan a fhuair mi bhon choimhearsnachd, 's e carson nach robh sinn a' sgaoileadh na naidheachd seo nas fhaide. Seo aon de na rudan as fheàrr a rinn a' Chomhairle a-riamh".

"Tha mi air a bhith a' faighinn teachdaireachdan pearsanta a bha taiceil - agus 's ann ainneamh an luib obair na Comhairle a gheibh thu teachdaireachd le moladh!"

"Tha a' choimhearsnachd - cho fad 's a chì mi - a' cur taic ris agus an dòchas, mar a tha sinn fhèin, gun obraich e."