Muc-mhara air a saoradh far Stafainn
- Air fhoillseachadh
Chaidh muc-mhara a bha glacte aig tuathanas-èisg ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich a shaoradh Dihaoine.
Thuirt fear-labhairt dhan bhuidhinn a bha os cionn na h-obrach gu bheil a' mhuc-mhara chrotach air a claoidh agus gu bheil iad a' cumail sùil oirre.
Bha am beathach air a bhith an sàs ann an ròpa aig cèidsichean na companaidh Organic Sea Harvest ann an ceann an ear-thuath an eilein eadar Stafainn agus Port Rìgh.
Thuirt an sgioba gu bheil e follaiseach gun robh seann ròpa mun bheathach de sheòrsa nach eil Organic Sea Harvest a' cleachdadh agus gur e sin a ghreimich air sèine acaire nan cèidsichean.