Cus uallaich air pàrantan?

  • Air fhoillseachadh
Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Tha cus uallaich a' tuiteam air pàrantan san t-strì airson sgoiltean Gàidhlig a stèidheachadh, a rèir chuid san Eilean Sgitheanach is san Òban.

Chaidh Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh fhosgladh gu h-oifigeil an t-seachdain seo chaidh, is pàrantan san Òban a' leantainn le oidhirp sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh sa bhaile.

Tha feadhainn san dà àite ag ràdh gum bu chòir barrachd taic a bhith ann.

Chuir Art MacCarmaig bliadhnaichean seachad a' strì airson sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh.

"Dàna"

"Feumaidh pàrantan a bhith gu math dàna ma tha iad ag iarraidh sgoil Ghàidhlig", thuirt Mgr MacCarmaig.

"Feumaidh iad a bhith deiseil is deònach a dhol an sàs ann an iomadach rud, a' sgrìobhadh phàipearan is a' sgrìobhadh phlanaichean aig ammanan, rudan a bu chòir dha na comhairlean a bhith a' dèanamh nam bheachdsa.

"Tha iad a' cur uallaich air na pàrantan sin a dhèanamh is tha sin ceàrr ann an dòigh", thuirt e.

San Òban, tha deasbad mu sgoil Ghàidhlig fhathast a' dol air adhart.

Chuir pàrantan air dòigh sgrùdadh neo-eisimeileach a chuir taic ris a' bheachd, às dèidh do Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid iarrtas a dhiùltadh sa chiad dol a-mach.

Tha a' chomhairle a-nise a' coimhead ris a' chùis às ùr.

Fada

Ach dh'innis Claire Wilding bho Chomann nam Pàrant san Òban gur e slighe gu math fada a th' ann do phàrantan.

"Tha e follaiseach gu bheil iarrtas ann is b' fheàrr leinn gun robh am beachd airson sgoil Ghàidhlig air tighinn bhon ùghdarras fhèin.

"Ann an dòigh, feumaidh pàrantan sealltainn sa chiad dol a-mach gu bheil iarrtas ann.

"Ach nuair a tha iad air sin a dhèanamh gu follaiseach, bhiodh e tòrr na b' fheàrr nam b'urrainn cùisean gluasad air adhart tòrr mòr na bu luaithe na tha iad", thuirt i.