Briseadh-dùil dha pàrantan san Òban

  • Air fhoillseachadh
Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Dhiùlt Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid a dhol air adhart le co-chomhairle air sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh san Òban.

An àite sin, chuir iad taic ri moladh iar-cheannard ùr le dleasdanas sònraichte airson na Gàidhlig fhasdadh sa bhun-sgoil sa bhaile far a bheil aonad Gàidhlig mar-thà.

Rinn pàrantan sgrùdadh roimhe a thuirt gu bheil taic làidir ann 'son sgoil Ghàidhlig san sgìre.

Chaidh aithisg, taobh a-muigh air beulaibh chomhairlichean Dimàirt le diofar roghainnean a thaobh na slighe air adhart do dh'fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig san Òban.

Ged a bha cùisean fhàgail mar a tha iad air neo sgoil Ghàidhlig a thogail nam measg, 's e iar-cheannard ùr le dleasdanas sònraichte airson na Gàidhlig fhasdadh airson Bun-sgoil Achadh na Crèige san Òban a bha oifigich na comhairle a' moladh.

'S e sin an roghainn a fhuair taic bho chomhairlichean Dimàirt.

A rèir na h-aithisg, bidh an iar-cheannard ur a' cur air dòigh tachartasan Gàidhlig is tachartasan culturail eile feuch am bogadh a tha clann a' faighinn sa Ghàidhlig a neartachadh.

Atharrachadh

Bidh uallach orra cuideachd ceanglaichean ri coimhearsnachd na Gàidhlig san sgìre a neartachadh san fharsaingeachd.

Thuirt comhairlichean nach dèan iad co-chomhairle air sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh, ach gum biodh deònach tilleadh dhan chuspair nam biodh atharrachadh susbainteach ann, a leithid an tuilleadh airgid bho Riaghaltas na h-Alba.

Bidh an naidheachd na bristeadh-dùil dha pàrantan a tha air a bhith a' strì airson sgoil Ghàidhlig san Òban, is bha air iarraidh air comhairlichean a dhol an aghaidh a' mholaidh a chuir oifigich air adhart.

Thuirt Bòrd na Gàidhlig gum bu chòir do Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a dhol air adhart le iar-cheannard ùr airson Bun-sgoil Achadh na Crèige gus suidheachadh na Gàidhlig an sin a neartachadh, ach nach bu chòir an roghainn a thaobh sgoil Ghàidhlig a leigeil às.

Thuirt am Bòrd gun cuireadh sin "ann an cunnart na cothroman a th' ann gus stad a chur air crìonadh cànan is cultar na Gàidhlig ann an sgìre a tha aithnichte mar sheann dùthaich nan Gàidheal ann an Alba".

Dh'innis iad gu bheil taic airgid Riaghaltas ann airson sgoiltean Gàidhlig is gum biodh iad toilichte coinneachadh ris a' Chomhairle gus a' chùis a dheasbad.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh