Moladh gun sgoil Ghàidhlig a thogail san Òban

  • Air fhoillseachadh
An t-ÒbanTùs an deilbh, Iain MacIlleathain

Thathas a' moladh gun sgoil Ghàidhlig a thogail anns an Òban.

Tha seo a' nochdadh ann an aithisg, taobh a-muigh a thèid air beulaibh chomhairlichean ann an Earra-Ghàidheal is Bòd Dimàirt.

Seach sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh, mar a tha pàrantan san sgìre air iarraidh, thathas a' moladh iar-cheannard ùr fhasdadh airson Bun-sgoil Achadh na Crèige san Òban, far a bheil aonad Gàidhlig mar-thà.

Bhiodh dleastanas sònraichte air an iar-cheannard airson foghlam Gàidhlig a leasachadh san sgoil.

Bhiodh an neach seo a' cur air dòigh tachartasan Gàidhlig is tachartasan culturail eile feuch am bogadh a tha clann a' faighinn sa Ghàidhlig a neartachadh.

Bhiodh uallach orra cuideachd ceanglaichean ri coimhearsnachd na Gàidhlig san sgìre a neartachadh san fharsaingeachd.

Roghainnean

A bharrachd air seo, tha dà roghainn eile san aithisg, ged nach eil oifigich na comhairle a' moladh taic a chur riutha.

'S iad sin sgoil Ghàidhlig a thogail air neo cùisean fhàgail mar a tha iad.

Tha an aithisg ag aithneachadh gum faigheadh clann bogadh nas fheàrr sa Ghàidhlig ann an sgoil Ghàidhlig, is gum biodh buannachdan ann dhan choimhearsnachd gu lèir.

Thathar a' togail ge-tà air duilgheadasan le airgead, fearann is dìth thidsearan.

Buille

Tha pàrantan a th' air a bhith a' strì airson sgoile ùir ag ràdh gu bheil an aithisg na bhriseadh-dùil uabhasach dhaibh.

Chuir pàrantan air dòigh sgrùdadh neo-eisimeileach mun chùis iad fhèin roimhe, às dèidh do Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid iarrtas a dhiùltadh sa chiad dol a-mach.

Sheall an sgrùdadh sin taic airson sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh san Òban.

Bha pàrantan air a ràdh cuideachd gun robh cus uallaich air fàgail orra san t-strì seo.

Tha na pàrantan ag ràdh nach eil oifigich na comhairle air coimhead ri dòighean maoineachaidh eile, is tha ceist orra dè feum a thigeadh à iar-cheannard ùr fhasdadh airson Bun-sgoil Achadh na Crèige.

Tha iad ag iarraidh air comhairlichean cur an aghaidh a' mholaidh Dimàirt.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh