Rèile-beinne dùinte fad a' Gheamhraidh
- Air fhoillseachadh

A rèir HIE bidh goireasan eile an àite na rèile-beinne ann airson luchd-sgìthidh a thogail air a' bheinn.
Thàinig dearbhadh nach bi an rèile-beinne gu mullach a' Chàirn Ghuirm idir ag obair ro dheireadh a' Gheamhraidh, agus aithisg sgrùdaidh a-nis dèanta.
Thuirt Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, leis a bheil goireasan na beinne, gun tèid an aithisg mu bhunaitean na rèile, fhoillseachadh an ceann treis.
Bithear cuideachd a' coinneachadh ris an luchd-sgrùdaidh an t-seachdain seo airson tuigse nas fheàrr a bhith aca air ciall na h-aithisg.
A rèir HIE bidh goireasan eile an àite na rèile-beinne ann airson luchd-sgìthidh a thogail air a' bheinn.