Cuingealachadh air uairean cùraim san dachaigh an Earra-Ghàidheal is Bòd

- Air fhoillseachadh
Tha Bòrd Amalaichte Cùram agus Slàinte (HSCP) , taobh a-muighEarra-Ghàidheal is Bhòid air gabhail ri moladh mullach a chur air na dh'fhaodas daoine de chùram fhaotainn san dachaigh sa sgìre.
Aig coinneimh phoblaich ann an Dùn Omhain Diciadain dh'aontaich iad nach fhaigh seann daoine neo daoine so-leònta ach 28 uairean de thìde de chùram san t-seachdain aig a' char as motha.
Cho-dhùin iad gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh ma tha neach feumach air barrachd uairean de chùram, agus dh'fhaodadh gun tèid an cur gu dachaigh-cùraim.
Bha aithisg air am beulaibh ag ràdh gu bheil an t-iarrtas airson cùram san dachaigh a' sìor èirigh ach gu bheil dùbhlain an cois seirbheis a thoirt seachad ri linn dìth luchd-obrach agus ionmhais.
Thuirt an t-Àrd-oifigear, Evan Beswick, gu bheil duilgheadasan ionmhais a' bhùird cho mòr 's nach bi an ceum seo gu leòr airson dèiligeadh riutha.
An-uiridh chosg HSCP £1.8m a bharrachd na bha sa bhuidseat aca, agus san ath-bhliadhna ionmhais tha dùil gum bi beàrn de £18m aca.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 uairean