Bòrd Slàinte nan Eilean ag amas air buidseat a chothromachadh

  • Air fhoillseachadh
Bòrd Slàinte nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,

Tha toll de chòrr is £2m ann am buidseat NHS nan Eilean Siar an-dràsta.

Tha Bòrd-Slàinte nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad fhathast ag amas air a' bhuidseat aca a chothromachadh ro dheireadh na bliadhna-ionmhais seo.

Tha sin a dh'aindeoin 's gu bheil iad £2m thairis air a' bhuidseat an-dràsta.

Thuirt iad gun cleachd iad airgead stòrais gus a' bheàrn a lùghdachadh gu £1m ma dh'fheumas iad, is gu bheil iad fhathast ag amas air am buidseat a chothromachadh aig deireadh na bliadhna-ionmhais.

Thuirt iad gu bheil na cosgaisean a bharrachd tarsainn iomadh roinne.

Tha seo a' gabhail a-steach pàigheadh 'son sheirbheisean bho bhùird-shlàinte air Tìr-Mòr is mar a tha cosgaisean 'son chungaidhean is deuchainn-lann ag èirigh, am measg eile.

Thuirt iad cuideachd gun robh tòrr uallaich a bharrachd, gun dùil, air buidseat calpa a' bhùird.

Dh'innis iad gu bheil iad ag obair gus na cosgaisean a tha a' tighinn orra a lùghdachadh far an urrainn dhaibh.