Conaltradh poblach mu thaighean sòisealta ùra air an Tairbeart

- Air fhoillseachadh
Thathar a' sireadh bheachdan an t-sluaigh mu phlana 48 taighean a thogail a bhios ri fhaotainn aig prìs reusanta air an Tairbeart sna Hearadh.
Bidh a' chiad sheisean aig Buidheann Taigheadais Innse Gall (HHP) Dihaoine seo tighinn.
Tha seo a' tighinn an dèidh do dh'oifigearan-dealbhachaidh aig Comhairle nan Eilean Siar cead a thoirt don cho-chomhairleachadh phoblach.
- Air fhoillseachadh11 An t-Ògmhios
Tha HHP a' moladh sgeama an iar-thuath air far a bheil taighean mar-thà air Rathad Scott.
Bhiodh 12 togalach sam biodh dà dhachaigh gan togail sa chiad ìre den leasachadh.
San dàrna ìre den phròiseact, bhiodh taighean de dhiofar mheudan ann sam biodh eadar aon agus ceithir seòmraichean-cadail.
Bidh na seiseanan poblach sin air an cumail ann an Ionad Coimhearsnachd an Tairbeirt Dihaoine an 27 den Ògmhios agus Dimàirt an 19mh den Lùnastal eadar trì agus seachd uairean feasgar.