Leisgeul foirmeil don luchd-taisteil airson deuchainnean sòisealta

Thuirt Mgr Swinney nach robh còir aig na deuchainnean air a bhith a' tachairt idir
- Air fhoillseachadh
Tha am Prìomh Mhinistear air leisgeul a thabhainn airson mar a chaidh deuchainn sòisealta a dhèanamh air luchd-taisteil na dùthcha.
Bha na "Tinker Experiments" a' ruith bho na 1940an chun nan 80an, agus na h-ùghdarrasan ag amas air luchd-taisteil a thuinneachadh ann an dachannan maireannach le bhith a' toirt orra am beatha air an rathad a chur air an cùlaibh.
Chaidh maoidheadh air pàrantan gun deadh a' chlann aca a thoirt bhuapa 's a chur ann an cùram mura h-aontaicheadh iad sgur den bheatha thraidiseanta aca.
Thuirt Iain Swinney gun robh an Riaghaltas "duilich airson an ana-cheartais agus claon-bhreith" a bha an lùib a' phoileasaidh, 's thuirt e gu bheil a bhuile aige fhathast.
"Cha ghabhar ris"
Ann am brath a thug e don Phàrlamaid, thuirt am Prìomh Mhinistear: "Tha e a' tighinn air an Riaghaltas seo innse gun teagamh nach gabhar idir ris na thachair do choimhearsnachdan an luchd-taisteil."
"Tha e soilleir don Riaghaltas gun robh claon-bhreith lom agus cion-tuigse chultarail air cùlaibh sreath de phoileasaidhean ana-cheart agus neo-chothromach.
"Dh'fhàg na poileasaidhean seo gun tugadh clann o na teaghlaichean aca, 's gun tugadh air teaghlaichean fuireach ann an dachannan nach robh aig ìre, 's a bha a' dol bhuaithe.
"Cha bu chòir gun do thachair na Tinker Experiments. Bha na poileasaidhean sin ceàrr, agus tha sinne ag aithneachadh gu bheil am buile aca fhathast an-diugh, a' goirteachadh na h-uimhir.
"Às leth na h-Alba, tha sinn duilich."

Thugadh Martha Stiùbhart air falbh o champa an teaghlaich aice 's i dìreach sia mìosan de dh'aois
Bha am Prìomh Mhinistear a' bruidhinn agus aithisg neo-eisimeileach air na deuchainnean ga foillseachadh le acadaimigich aig Oilthigh Chille Rìmhinn.
Mhol an aithisg sin gun tabhainneadh Riaghaltas na h-Alba, mar a' bhuidheann air a bheil uallach san là a th' ann, leisgeul airson na thachair, agus gum beachdaich iad air airgead-dìolaidh a thoirt seachad dhaibhsan air an tug e buaidh.
Thugadh Martha Stiùbhart, 67, air falbh bho champa a teaghlaich nuair a bha i dìreach sia mìosan de dh'aois. Air a' cheann thall chaidh a h-uchd-mhacachd le teaghlach nach robh ceangailte ris an luchd-taisteil.
A' bruidhinn air thoiseach air brath a' Phrìomh Mhinisteir, thuirt i gum biodh i "air leth toilichte" nan deadh leisgeul foirmeil a thabhainn,"oir bhiodh sin a' ciallachadh dhomhsa gun robh iad ag aithneachadh gun do thachair e".
"Tha thu a' bruidhinn mu dheidhinn teaghlaichean a bhith air an reubadh às a chèile.
"Tha e na phàirt den fhèin-aithne agad, agus chaidh a thoirt bhuat.
"Mura lorg thu a-rithist e, tha pàirt dhiot a dhìth."
Airgead-dìolaidh
Chuir am BPA Tòraidheach Alexander Stiùbhart fàilte air an leisgeul "fada thar ama".
Cheasnaich e carson a thug e cho fada, agus dh'fhaighnich e co-dhiù bha an Riaghaltas a' beachdachadh air airgead-dìolaidh a thoirt dhaibhsan air an tug a' chùis buaidh.
Chuir Paul O'Kane aig na Làbaraich cuideachd fàilte air brath a' Phrìomh Mhinisteir, agus thug e fhèin seachad leisgeul às leth a' phàrtaidh aige. Dh'iarr e soillearachadh air airgead-dìolaidh.
Thuirt Mgr Swinney nach eil plana aig an Riaghaltas aig an ìre seo airson airgead-dìolaidh a thoirt seachad, ach gum biodh ministearan ann an conaltradh a bharrachd leis an luchd-taisteil.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh4 An Gearran 2020