Obair gus tòiseachadh air Ionad Grinneabhat

  • Air fhoillseachadh
Sgoil Bhràgair
Fo-thiotal an deilbh,

Dhùin Sgoil Bhràgair ann an 2012.

Tha Urras Coimhearsnachd Bhràgair is Àrnoil air innse gun deach an cùmhnant airson leasachaidh air an seann sgoil Bhràgair a thoirt do O'Mac Construction Eta a tha stèidhichte ann an Leòdhas.

Tòisichidh an obair air Ionad Grinneabhat sa Chèitean airson àite cèilidh, goireasan coimhearsnachd, ostail agus launderette a thogail.

Tha dùil gum bi an togalach dèiseil meadhan na h-ath-bhliadhna.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Cathraiche an Urrais, Catriona Chaimbeul, gur e clach-mhìle chudromach a tha seo dhaibh.

Goireasan

"Nuair a dhùin an sgoil, 's e an aon ghoireas mu dheireadh a bh' anns a' choimhearsnachd, agus thàinig a h-uile duine còmhla agus rinn sinn co-dhùnadh, ma tha goireasan a' dol a bhith againn, feumaidh sinn fhèin an cur air dòigh, chionn chan eil duine eile a' dol ga dhèanamh.

"Cheannaich sinn an sgoil agus tha sinn air a bhith ag obair anns na sia bliadhna mu dheireadh air airgid a' chruinneachadh.

"Rinn sinn tòrr rannsachaidh anns a' choimhearsnachd air dè bha daoine ag iarraidh agus cha mhòr gun gabh e a chreids' gu bheil a h-uile càil a' tighinn gu buil agus gu bheil leasachadh gu bhith air an togalach, agus nuair a bhios a h-uile càil deiseil gum bi goireasan coimhearsnachd againn ach cuideachd gum bi cosnaidhean againn.

Cosnaidhean

"Tha dà chosnadh gu leth againn mar thà, agus tha sinn an dòchas gum faigh sinn air seo a chumail a' dol agus an tuilleadh chosnaidhean a bhith againn anns an sgìre againn fhèin.

"Anns an là a th' ann, chan urrain dhut dìreach goireasan coimhearsnachd a dhèanamh, ach bha e foilleasach gum feumadh sinn rudan a dhèanamh airson airgead a thoirt a-steach a chumadh an t-àite a' dol, agus 's e am prìomh bheachd a bh' aig daoine 's e ostail a chur air dòigh.

"Tha an t-uabhas luchd-turais a' dol seachad ann an seo a h-uile là - tha an Taigh Dubh ann an Àrnol a' tarraing nam mìltean a h-uile bliadhna, 's chan eil mòran àitean fuirich ann.

"Tha cafaidh a' dol a bhith againn anns an àite cèilidh agus tha tòrr nìghdearachd a' dol a bhith againn 's bha beachdan bhon choimhearsnachd gum bu chòir na goireasan sin a thabhainn dhan phoball gu lèir," thuirt i.

Tha an t-Urras a' cleachdadh an togalaich an-dràsta, ach feumaidh iad gluasad às fhad 's a tha an obair-leasachaidh a' dol air adhart 's mar sin tha iad a' coimhead 'son àitean eile far an urrainn dhaibh an obair aca a dhèanamh anns an eadar-ama.