Urras Fearann Chlann Dòmhnaill a' dion reic na h-oighreachd

- Air fhoillseachadh
Thàinig freagairt bho uachdarain Oighreachd Cheann a Deas Shlèite an dèidh mar a rinneadh càineadh orra agus iad air am fearann a chur air a' mhargaidh.
Thàinig an naidheachd sa Mhàrt gun robh Urras Fearann Chlann Dòmhnaill (CDLT) airson an oighreachd, anns a bheil faisg air 20,000, a reic air prìs £6,750,000.
Tha Caisteal Armadail, an t-ionad-tadhail sa bheil taigh-tasgaidh agus na gàrraidhean a tha na chois, gu bhith air an reic fa leth.
Dh'iarr Ball-Pàrlamaid Inbhir Nis, An Eilein Sgitheanaich agus Taobh Siar Rois, Aonghas Dòmhnallach, gun rachadh airgead sam bith a thig bho bhith a' reic na h-oighreachd a chosg air a' chaisteal.
Thuirt an t-urras gu bheil an làrach air a bhith a' call airgid airson ùine mhòir agus gur e a tha a dhìth airson agus bi i seasmhach airgead mòr bhon taobh a-muigh.
Aonghas Dòmhnallach a' bruidhinn ri BBC Naidheachdan an t-seachdain seo
Bha Mgr Dòmhnallach a' cumail a-mach gu bheil an dàimh eadar an CDLT agus a' choimhearsnachd mun t-suidheachadh air briseadh sìos ach tha an t-urras ag ràdh nach eil sin idir fìor.
San fhreagairt sgrìobhte aca, thuirt CDLT nach eil duilgheadasan aca ach le cuid de dhaoine sa sgìre agus mhìnich iad mar a cho-dhùin iad an talamh agus Caisteal Armadail a reic.
Thuirt iad nach eil an caisteal air prothaid a dhèanamh fad bhliadhnaichean bho theachd a-steach luchd-turais agus nach e suidheachadh seasmhach a th' ann.
Dh'innis iad gun robh iad roimhe a' faighinn taic-airgid gus cuideachadh le cosgaisean an caisteal a' ruith ach gun tàinig am maoineachadh sin gu crìch gu h-obann.
Thuirt iad gur e an t-atharrachadh sin a thug orra an talamh agus an caisteal a chur air a' mhargaidh.
Thuirt iad: "Gu mì-fhortanach, chan eil duine gu leòr a' tadhal air (Caisteal) Armadal airson agus gum bi e seasmhach gu coimeirsealta.
"'S e beachd nan urrasairean nach tig atharrachadh air an t-suidheachadh gun airgead mòr a bhith air a chosg air."

Tha airgead mòr a dhìth airson Caisteal Armadail a dhèanamh seasmhach a rèir CDLT
Chaidh an t-urras às àicheadh chasaidean Mhgr Dhòmhnallaich gu bheil an dàimh eadar urrasairean agus muinntir Shlèite air briseadh sìos agus nach fhaic e mar a ghabhadh sin cur ceart.
"'S e tha sinn a' cluinntinn bho mhòran den luchd-còmhnaidh gu bheil iad brònach ach gu bheil iad a' tuigsinn gu bheil seo a' tachairt an dèidh nam bliadhnaichean mòra de thrioblaidean ionmhais."
Chaidh càineadh a dhèanamh air an urras gun a bhith ag innse do mhuinntir Shlèite na bha san amharc aca.
Thuirt iad fhèin, ge-tà, gun robh dearbhadh aca gun do rinn iad conaltradh riutha agus gun robh iad airson a bhith a' co-obrachadh leis a' choimhearsnachd.
Thuirt Àrd-oifigear CDLT, Alex Stoddart: "Air a' chiad là den Ghiblean, thug mi cuireadh do riochdairean ionadail thighinn còmhla rinn air buidheann conaltraidh mun reic.
"Fhuair sinn freagairtean a' cur fàilte air a' chuireadh bho na croitearan agus Urras Coimhearsnachd Shlèite agus tha sinn a' coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla riutha sna mìosan air thoiseach oirnn."

Tha an t-ionad-tadhail sa bheil taigh-tasgaidh Urras Chlann Dòmhnaill gu bhith air a reic cuideachd
Tha cuid sa choimhearsnachd air iarraidh gun tèid stad a chur air a' phròiseas gus am bi cothrom aig an t-sluagh beachdachadh air dè tha iad 'son dèanamh.
Am measg bheachdan a nochd, bha gum bu chòir dhan choimhearsnachd feuchainn ris a' chaisteal a cheannach.
Thuirt CDLT gun robh e follaiseach bho na beachdan a fhuair iad bho dhaoine nach eil cus ùidh sa sgìre ann a bhith a' ceannach na h-oighreachd neo fiù 's an caisteal agus an t-ionad-tadhail às leth na coimhearsnachd.
"A-nis leis nach eil am maoineachadh eadar-nàiseanta againn tuilleadh, 's e a dh'fheumas Armadal companaidh-tasgaidh mhòr choimeirsealta airson a leasachadh gus am bi e seasmhach."
Tha Urras Fearann Chlann Dòmhnaill ag ràdh gum feum iad an t-airgead a gheibh iad bho bhith a' reic na h-oighreachd gus an tèid aca air cumail a' dol mar bhuidheann-charthannais ag amas air grantaichean a thoirt do "phròiseactan cinnidh agus dualchais Ghàidhealaich".
'S e an dàrna amas aca, thuirt iad, "an dìcheall a dhèanamh companaidh neo cuideigin a thàladh le airgead gu leòr airson Armadal a thoirt air adhart".